Minecraft Realms

Fiosrachadh mu gheamannan coimpiutair a tha rim faighinn sa Ghàidhlig - o BhBC Clann gu Strì Bheasnaid
User avatar
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4282
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Minecraft Realms

Unread postby GunChleoc » Sat Jan 28, 2017 11:40 am

Minecraft Realms

Image

’S e geama a th’ ann am Minecraft far an rùraich an cluicheadair mapa innsginneach a tha ’na blocaichean aig a bheil meud dhe meatair ciùbach. A bharrachd air na blocaichean, bheir an àrainneachd lusan, nàimhdean is nithean dhut. Cruinnich stòrasan sa gheama gus a thochladh, sabaid an aghaidh nàimhdean, blocaichean is acainnean ùra a dhèanamh. On a bhios saoghal fosgailte agad, ’s urrainn dhut structaran a thogail no obair-ealain a chruthachadh agus iomadh gnìomh eile a dhèanamh air frithealaiche ioma-chluicheadair no ’nad aonar air na mapaichean agad fhèin.

ImageImage

’S e seirbheis òstadh fhrithealaichean oifigeil a th’ ann am Minecraft Realms a tha stèidhichte air fo-sgrìobhaidhean agus a leigeas leis na cluicheadairean na frithealaichean Minecraft prìobhaideach aca fhèin a chruthachadh ’s a stiùireadh agus seo an aon tionndadh dhe Minecraft a ghabhas eadar-theangachadh gu saor. Tha Realms ’ga òstadh le Mojang, agus bheir e dòigh furasta is luath dhut gus frithealaichean a chruthachadh agus bheir e comas dhan òstair gus na frithealaichean a stiùireadh am broinn a’ gheama gun fheum air eòlas air mar a dh’obraicheas òstadh air an eadar-lìon. Leigidh Realms le cluicheadairean taghadh o liosta dhe mheanbh-gheamannan cuideachd (a thèid ùrachadh le Mojang mu gach cola-deug) airson cluich gu sealach agus gheibh thu teamplaidean saoghail agus mapaichean dànachd is fidridh ’na chois cuideachd. Chan eil frithealaichean mòra poblach fainear Realms ach buidhnean de charaidean no teaghlaichean.

ImageImage

’S urrainn dhut an geama a luchdadh a-nuas o Minecraft Realms is an tionndadh demo fheuchainn mus ceannaich thu e. Cuiridh tu a’ Ghàidhlig air sa chlàr-taice “Options...” às dèidh an geama a thòiseachadh.

Image
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

Return to “Geamannan”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest