Page 1 of 1

Freeciv 2.3.1

Posted: Wed Nov 30, 2011 2:10 pm
by akerbeltz
Tha Freeciv 2.3.1 ann agus tha rudan a' fàs nas fhearr. Tha am prògram (air Windows) a' faighneachd dhìot a-nis dè cànan a bu toigh leat nuair a stàlaicheas tu e a' chiad turas. Bha sin fada na bu toinnte roimhe, ma tha cuimhne agaibh air an treòir fhada a sgrìobh sinn roimhe. Dh'fhosgail mi sreath ùr air sgàth sin, chuireadh tè eile eagal a bheatha fiù air Fionn MacCumhail!

Cum an cuimhne gur e gd = Gàidhlig. Tha sin car toinnte fhathast ach cuiridh sinn ceart seo.

Tha e car doirbh air Max OSX fhathast air sgàth 's nach eil còdaichear againn a tha math air Mac OSX. Ma tha sibh eòlach air gin, cuiribh thugam e/i!

Dh'fhàg mi an treòir ann ge-tà oir tha pìosan dheth mu chluich a' gheama fhèin is tha sinn feumail fhathast.

Re: Freeciv 2.3.1

Posted: Tue Sep 18, 2012 11:54 am
by GunChleoc
Seo bhideo beag air ciamar a chuireas sibh a' Ghàidhlig ris





Agus bloighean beaga dhe gheama a chluich mi: