Frogatto & Friends
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Frogatto & Friends
'S e geama tachartais 2D air nòs clasaigeach a th' ann am Frogatto is 's e losgann quixotach a th' anns a' phrìomh phearsa.
Chaidh a dhèanamh leis an aon sgioba a thug Battle for Wesnoth dhuibh is chaidh ealain phiogsail àrd-ìre a chruthachadh a làimh is le gaol san aon dòigh. 'S e geama "ùrlaran" or "ruith is leum" le sealladh on taobh a th' ann am Frogatto san stiùirich thu am pearsa-tiotail againn air gnothach leamh a thèid na sgiorradh dàna.
Gheibh sibh an tionndadh as ùr-leasaichte ri ceannachd air https://www.frogatto.com/download is chan eil e daor idir.
Ma tha fios agaibh mar a chuireas sibh an system locale dhan Ghàidhlig, 's urrainn dhuibh tionndadh nas sine fhaighinn fhathast air https://www.frogatto.com/?p=1211 a tha an-asgaidh, ach bithibh an dùil gum bi buga no dhà ann fhathast, ma dh'fhaoidte. Mar sin, mholainn-sa gun ceannaich sibh lethbhreac.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam