Page 1 of 1

Open TTD (trèanaichean, busaichean, ...)

Posted: Mon Jun 03, 2013 3:00 pm
by GunChleoc
OpenTTD

Image

'S e geama saoghail mas-fhìor stèidhichte air Transport Tycoon Deluxe a th' anns an OpenTTD. Togaidh tu lìonra dhe sheirbheisean bus, trèana, luing is plèana. Faodaidh tu cluiche nad aonar no ann an lìonraidh no air loidhne. Tha iomadh tuilleadan ri làimh as urrainn dhut luchdadh a-nuas is ris an canar "NewGRF".

Image
(briog air an dealbh)

Seo far am faigh sibh e:

https://www.openttd.org/

Is mar a chuireas sibh a' Ghàidhlig air:



Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh is oideachadh air an Uici.

Re: Geama: Open TTD (trèanaichean, busaichean, ...)

Posted: Sun Sep 01, 2013 8:25 am
by GunChleoc
Seo geama eile a chaidh ùrachadh fhad 's a bha mi thall thairis. Tha càraidhean air bugaichean an cois an tionndaidh seo agus gheibh sibh air làrach-lìn OpenTTD e.

Re: Geama: Open TTD (trèanaichean, busaichean, ...)

Posted: Wed Nov 20, 2013 1:07 pm
by GunChleoc
Abair thusa gu bheil na geamannan trang! Tha tagraiche sgaoilidh ùr aig OpenTTD cuideachd: OpenTTD 1.3.3-RC1.

An innis sibh dhomh ma lorgas sibh mearachd sam bith ann?

Re: Geama: Open TTD (trèanaichean, busaichean, ...)

Posted: Fri Nov 29, 2013 9:34 pm
by GunChleoc
Chaidh an tionndadh 1.3.3 fhoillseachadh an-diugh :)