GCompris (geamannan foghlaim don chloinn)
Posted: Wed Nov 06, 2013 5:55 pm
GCompris
'S e sreath de phrògraman foghlaim a th' ann an GCompris le deagh chàileachd is tha iomadh cleas na bhroinn airson clann aois 2 gu 10. 'S e geamannan a th' ann an cuid dhe na cleasan ach tha iad math airson foghlam co-dhiù.
Tha GCompris a' tairgse tuilleadh is 100 chleas a-nis agus tha barrachd 'gan leasachadh. 'S e bathar-bog saor a th' anns a' GCompris, 's e seo gum faod thu gleus a chur air a-rèir nam feumalachdan agad fhèin, a leasachadh is gu h-àraidh a cho-roinn leis a' chlann air fheadh an t-saoghail.
Tha a' Ghàidhlig na bhroinn on tionndadh 13.11 a-mach. Ach am biodh na geamannan co-cheangailte ri litrichean is faclan a-rèir feumalachdan na Gàidhlig, bha sinn fiù 's an sàs ann am prògramachadh is mi fhìn air dà chànan ùr ionnsachadh (C is Python ). Barrachd air sin, chlàraich sinn guth cuideigin aig a bheil Gàidhlig bhrèagha on ghlùin. Mòran taing do dh'Akerbeltz a chuir seo air dòigh! Tha sinn fhathast ag obair air a' phrògramachadh airson aon dhe na geamannan, ach tha a h-uile càil eile dèanta ach am freagair e dhan a' Ghàidhlig.
Mar a stàlaicheas sibh GCompris
Cha leig sibh leas ach an tionndadh iomchaidh airson an t-siostaim-obrachaidh agaibh a luchdadh a-nuas o gcompris.net is leantainn air an stiùireadh. Ma tha sibh air Windows no MacOSX, feumaidh sibh còd iarraidh gus inntrigeadh fhaighinn dhan a h-uile cleas, ach chan iarr iad mòran oirbh. Nì iad seo a dh'aona-ghnothaich gus Linux is bathar-bog saor san fharsaingeachd a bhrosnachadh.
Mar a dh'atharraicheas sibh an cruth-clò
'S urrainn dhuibh an cruth-clò a thaghadh ann an clàr-taice nan roghainnean. Mholamaid gun cleachd sibh Andika aig SIL tha tha ga sholar fo cheadachas SIL Open Font License is tha e làn fhreagarrach don fheadhainn a bhios ag ionnsachadh leughadh. Rinn sinn tionndadh dheth a-rèir nan gnàthasan Breatannach: dèanaibh briogadh deas air an-seo gus a luchdadh a-nuas.
Feumaidh sibh am faidhle dì-dhùmhlachadh an uairsin is a stàladh (bu chòir do bhriogadh dùbailte air Andika-R.ttf a chùis a dhèanamh airson an stàlaidh).
Barrachd mhìneachaidhean air an stàladh ceum air ceum le glacaidhean-sgrìn air iGàidhlig
Glacaidhean-sgrìn
Barrachd ghlacaidhean-sgrìn