Page 1 of 1

Inneal Flare

Posted: Tue Dec 03, 2013 1:38 pm
by GunChleoc
Inneal Flare

Image

'S einnsean saor airson cluich ghnìomhan mas fhìor a tha sa Flare agus tha geama 'na bhroinn cuideachd. Chan e ach tionndadh alpha ri fhaighinn gu ruige seo, mar sin tha rud no dhà sa Bheurla fhathast.

Image Image Image




Mar a stàlaicheas sibh an geama

Chan eil stàladh a dhìth, ach feumaidh sibh a luchdadh a-nuas is am faidhle a dhì-dhùmhlachadh.
  1. Luchdaibh an geama a-nuas on làrach-lìn aig Flare.
  2. Dì-dhùmhlaichibh am pasgan, mar eisimpleir ann an Windows Explorer.
  3. Rachaibh a-steach dhan phasgan àr a chaidh a chruthachadh is dèanamh briogadh dùbailte air flare.exe air Windows no ruithibh flare.sh mur eil sibh air Windows.
  4. Rachaibh air Configuration is an uairsin air Interface gus an cànan a thaghadh.

Re: Geama: Inneal Flare

Posted: Fri Jan 10, 2014 12:40 am
by akerbeltz
Glan, chan eil seo dona idir! Mòran taing!

Re: Geama: Inneal Flare

Posted: Fri Jan 10, 2014 12:09 pm
by GunChleoc
'S e do bheatha, a charaid :)