Page 1 of 1

Neverball ⁊ Neverputt

Posted: Thu Jun 05, 2014 1:31 pm
by GunChleoc
Neverball ⁊ Neverputt

Image

'S e geama teòmachd 's tòimhseachain 3-D a tha san Neverball. Is amas a' gheama gun ruig thu tadhal le bàla mus fhalbh an ùine ort. Air an t-slighe, feumaidh tu roiligeadh thairis air buinn gus an cruinneachadh. Chan fhosgail an tadhal ach nuair a bhios tu air buinn gu leòr a chruinneachadh agus faodaidh cnapan-starra a bhith san rathad. Gheibhear an geama goilf Neverputt an lùib Neverball.

Image Image Image Image Image



Mar a stàlaicheas tu e

Faigh na faidhlichean air https://neverball.org/download.php. An uairsin, feumaidh tu a dhì-dhùmhlachadh gu pasgan far an lorgas tu a-rithist e.

Rach dhan phasgan far an do rinn thu an dì-dhùmhlachadh agus fosgail neverball gus Neverball a thòiseachadh no neverputt gus Neverputt a thòiseachadh. Nì briogadh dùbailte a' chùis. Ma tha Oculus Rift agad, tagh am prògram iomchaidh sa phasgan 'na àite.

Image

Ma nochdas e sa Bheurla, gabhaidh a' Ghàidhlig a chur air gun trioblaid. Seallaidh mi airson Neverball e; obraichidh e air an aon dòigh le Neverputt.

1. Briog air "Options"
Image

2. Briog air "English (US)" no ge b' de dè an cànan a nochdas:
Image

3. Briog air "Gàidhlig"
Image

Sin agad e!