Widelands

Fiosrachadh mu gheamannan coimpiutair a tha rim faighinn sa Ghàidhlig - o BhBC Clann gu Strì Bheasnaid
User avatar
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4313
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Widelands

Unread postby GunChleoc » Sat Nov 12, 2016 12:35 pm

Widelands

ImageImage

’S e geama ro-innleachd togail fìor-ama saor is open source a th’ ann an Widelands le iomairtean aon-chluicheadair agus modh ioma-chluicheadair. Thug Settlers II™ (© Bluebyte) beachd air a’ gheama seo dhuinn o thùs ach tha e mòran nas iom-fhillte is domhainn.

ImageImage

Tha thu ’nad cheannard cinnidh bhig. Is do dhleastanas tuineachadh thogail. Nì do mhuinntir obair gus barrachd stòrasan a chruinneachadh airson cur ris an fhàs.



Bheir Widelands modh aon-chluicheadair dhut le iomairtean a dh’innseas sgeulachdan nan treubhan agus an còmhstri ann an saoghal Widelands. Gidheadh, cha tòisich an tuineachadh dha-rìribh mus cluich thu còmhla ri do charaidean air an eadar-lìon no lìonra ionadail gus impireachdan ùra a thogail còmhla – no càch a chèile a cheannsachadh air a’ bhlàr. Bheir Widelands inntinn fhuadain dhut cuideachd gus dùbhlan a thoirt ort.



Gheibh thu Widelands air https://wl.widelands.org/
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

Return to “Geamannan”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest