Ceap Breatainn - bhideo beag ùr mu Ghàidhlig

Càil sam bith eile / Anything else
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Ceap Breatainn - bhideo beag ùr mu Ghàidhlig

Unread post by faoileag »

'Gaelic Culture in Cape Breton'

http://www.youtube.com/watch?v=b7aDudgcC2I


Tha mòran bhideoan eile mu Cheap Breatainn air YouTube cuideachd, faic na ceanglaichean ri taobh a' bhideo seo.


Ceid
Posts: 56
Joined: Mon Aug 09, 2010 2:18 am
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: SAA
Contact:

Re: Ceap Breatainn - bhideo beag ùr mu Ghàidhlig

Unread post by Ceid »

Bha mi ann a chionn ghoirid! Chaidh an bhidio sin a dhèanamh aig an Cladach Gàidealach ann an Iona. Nuair a bha mi aig a' Cholaisde Ghàidhlig a' chiad chuid dhen Lùnastal, chaidh mi chun an Cladaich airson cuirm-chiùil de ceòl á Ceap Breatainn. 'S e muinntir an sgìre a bha anns na h-uile ceòladair. Bha teaghlach le ceathrar nigheannan ann a ghabh dà neo trì orain na Gàidhlig. Dh'innse fear dhen luchd-teagaisg aig a' Cholaisde dhomh gun bheil Gàidhlig fileanta aig na h-uile nigheannan sin agus bruidhinnidh iad Gàidhlig a-mhàin aig an dachaigh. :moladh:

Choisich mi mun cuairt dhan Cladach 's sheall mi aig na taighean 's na togalaichean eachdraidheil 's an àrainneachd brèagh ann. Glé inntinneach 's uabhasach àlainn! Bha mi a' bruidhinn ri ball dhen Comhairle na Gàidhlig a bha ann cuideachd. Tha iad an dòchas gum bi ùidh ann an Gàidhlig fàs 's fàs coltach ris an ùidh ùr ann an ceòl á Ceap Breatainn.

Thug mi iomadh dealbh, ach chan eil mi air "downloaded" iad gun coimpiutar agam fhathast. :mhoire:
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Ceap Breatainn - bhideo beag ùr mu Ghàidhlig

Unread post by faoileag »

Bhiodh ùidh agamsa co-dhiù anns na dealbhan agad - latha brèagha air choireigin tha mise airson a dhol ann cuideachd. Feumaidh e a bhith uabhasach brèagha ann an Ceap B., agus tha ùidh mhòr agam anns an eachdraidh eilthireachail agus sa chuid Gàidhlig a th' ann fhathast, agus - tha fhios - ann an ceòl na sgìre.

Am bi thu a' dèanamh cùrsa AGA a-rithist am-bhliadna ? Dè an ìre a-nis?
Tha Gàidhlig mhath agad mar-thà! :moladh:
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Re: Ceap Breatainn - bhideo beag ùr mu Ghàidhlig

Unread post by Neas Olc »

Bu choir dhomh dol an sin aon là. Gu ìoronach co dhiugh, s'docha gun tèid mi a dh'alba roimhe.
Post Reply