Ceistean nach do chuir mi air APC agus Meg Bateman

Càil sam bith eile / Anything else
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Ceistean nach do chuir mi air APC agus Meg Bateman

Unread post by Gràisg »

Phàigh mi sia notaichean agus chaidh mi a-steach gus APC agus Meg Bateman fhaicinn aig Fèis Leabhraichean agus Ealain Inbhir Narann.
Aig an deireadh bha mi airson faighneachd dha,’An robh Gàidhlig an làthair an-diugh mar thaibhse?’ As dèidh dhomh a chuid colbh sa phàipear Bheag leughadh agus an nobhail ur aige, ‘Tilleadh Dhachaigh’.
‘S e tachartas snog snog a bh’ann mar a tha cha mhòr a h-uile càil aig a leithid fèis. Nam bheachdsa thàinig mòran a-steach a bha a frithealadh a uile ùghdar agus gu mì-fhortanach cha robh Gàidhlig aca. Chaidh cuisean a tòiseachadh le Gàidhlig agus chuir tè crìoch air a ghnothaich sa Ghàidhlig ach ‘s ann leis a Bheurla a bha priomachas. Thàinig Gàidhlig air a phasgadh sa bheurla. Ann an mar sin a bhios e don Ghàidhlig a h-uile turas ann an Inbhir Narann? Ann an grèim tiugh beurla ga thaisbeanadh ann an dòigh sàbhailte do luchd na Beurla, mura bheil mar thaibhse mar phrìosanach.
Bha APC agus MB a’ leughadh an cuid obrach sa Ghàidhlig agus bha APC feuchainn ri pìosan eile de Ghàidhlig a chuir a-steach ach mar a ghleus an gnothaich air adhart chuala sinn stuth arty-farty ann am beurla gu math pongail siubhlach an dà cuid bho Meg agus APC agus an luchd-frithealaidh. Chuala mi neach ionnsachaidh a tha mi eòlach air (duine le deagh chnap Gàidhlig) a’ cur ceist sa Bheurla. An uair sin bha mise a’ faireachdainn bha seòrsa dleastanas agamsa cuideachd a bhith bruidhinn Beurla, mar sin chum mi balbh.
Aig an deireadh bha cothrom cupa tì agus cèic a ghabhail ach cha do dh’fhuirich mi, ‘s e creutair gu math mì-shòisealta a th’annamsa sna làithean seo agus a bharrachd air sin cha robh mi airson tuilleadh beurla, tha i ri fhaighinn sa bhaile seo a h-uile latha. Cha do chuir cuisean dragh orm feumaidh mi a ràdh ge-tà, aig a cheann thall chòrd e rium, seadh bha Gàidhlig ann mar taibhse, dìreach mar a tha i anns an Leabhar aig APC ‘Tilleadh Dhachaigh’ mar eiseimpleir, ach cha robh mise sios an inntinn leis. Tha mi air fàs cleachdte ris. Tha làn fhios agam mar neach ionnsachaidh neach bi riamh fior choimhearsnachd Gàidhlig ri fhaighinn dhomhsa, dìreach criomagan siud ‘s a seo.
Ceist eile do Meg a bh’agamsa agus nach do chuir mi: ‘A bheil sibh a’ smaoineachadh gu bheil APC fada, fada ro throm air dualchainnt Sabhal mhòir Ostaig?’ Toradh eile bhon a bhith leughadh APC sa Phàipear bheag.

Dà bhideo goirid:
Meg Bateman aig Fèis Leabhraichean augs Ealain Inbhir Narainn
http://www.youtube.com/watch?v=i578T-1l ... r_embedded

Aonghas Phàdraig Caimbeul aig Fèis Leabhraichean augs Ealain Inbhir Narainn
http://www.youtube.com/watch?v=5NOTK_GP ... r_embedded


Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Ceistean nach do chuir mi air APC agus Meg Bateman

Unread post by Seonaidh »

Tha mi a' creidsinn nach b' àbhaist do thachartas mar seo a thachairt sa Chuimrigh - ùghdaran leabhraichean sa [Ghàidhlig] Chuimris a' bruidhinn mu na h-obraichean aca tro mheadhan na Beurla. Dè tha ceàrr le gach? Agus thu fhèin cho cionntach ri càch, tha eagal orm. Sior bhàsaichidh Gàidhlig fhad 's nach cluinnear i.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Ceistean nach do chuir mi air APC agus Meg Bateman

Unread post by An Gobaire »

Thachair an aon rud, a Ghràisg, ann an tachartas cur-air-bhog nan leabhraichean aig Maoilios Caimbeul agus Màiri NicLeòid ann am Port Rìgh.

http://abairthusa.co.uk/profiles/blogs/ ... -cuideigin
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Re: Ceistean nach do chuir mi air APC agus Meg Bateman

Unread post by Neas Olc »

Ob ob s'bochd sin...
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Ceistean nach do chuir mi air APC agus Meg Bateman

Unread post by Gràisg »

Ged a bha an dà thachartas caran diofraichte, cur-air-bhog nan leabhraichean ann am Port Rìgh agus rudeigin nas àbhaisteach ann an Inbhir Narann bha an dà chuid air an aon ràimh ann an dòigh. 'S e sin ri radh fhuair cùisean taic bho Bòrd na Gàidhlig ann an Inbhir Narann agus thuirt Steaphan 'Tachartas air a mhaoineachadh le m' airgead is d' airgead fhèin' mu dheidhinn am fear eile ann am Port Rìgh. Nam bheachdsa tha e foilleasach gu bheil a leithid tachartais (Gàidhlig le pailteas beurla) tighinn fo bhratach leathainn 'Leasachaidh na Gàidhlig'.
Ach mar a thuirt mi ro làimh tha mi air fàs cleachdte ris, b'fheàrr leam nan robh tuilleadh den leithid a' dol air adhart (Gàidhlig a-mhàin) ach tha làn fhios agam nach eil e furasta.
Post Reply