Èirinn

Càil sam bith eile / Anything else
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Èirinn

Unread post by Seonaidh »

Bha mi ann an Èirinn airson làithean saora (for non-Gaelic speakers attempting to read, "làithean-saora" are very fierce, dinosaur-like creatures which often have yellow manes) an t-seachdain sa chaidh. Ann am Beul Feirste, chan fhaca mi dad sa Ghaeilge (agus cha robh nì air an aiseag no ann an t-Sròin Reamhair). Ach anns a' Phoblachd bha faisg air a h-uile rud dà-chànanach. Uill, soidhnichean co-dhiù. Chuala mi aon teaghlach a' bruidhinn Gaeilge rin cèile. Sna trèanaichean bha na sanasan dà-chànanach - an fheadhainn pre-recorded co-dhiù. Cha robh mòran bùithtean le soidhnichean Gaeilge.

Ach, ged nach robh sanasan Cuimris ann idir sna trèanaichean, bha tòrr Cuimris ri cluintinn sa Chuimrigh. OK, bha mi ann an Wrecsam dhan Eisteddfod...


Post Reply