Dè an t-ainm a th'ort?

Càil sam bith eile / Anything else
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Dè an t-ainm a th'ort?

Unread post by GunChleoc »



Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Dè an t-ainm a th'ort?

Unread post by faoileag »

Leugh mise an dà chuid cuideachd o chionn ghoirid, agus bha mi a' bruidhinn mu dheidhhinn ri co-obraichean à Èirinn, a' Chuimrigh, na h-Eileanan Siar, Iraq agus na SA.

Rinn a' mhòr-chuid 'accommodations' den leithid ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte, air sgàth ' s gun robh e 'na b' fhasa'. Ma bhios tu ann an cabhag, bidh thu a' smaoineachadh gu tric " It's NOT X, it's Y, but I don't have time to correct your pronunciation or your ignorance right now" - a' smaoineachadh, ach chan eil iad ga ràdh.

Bha deasbad inntinneach againn agus tha e coltach gum bi iad, no cuid dhiubh, nas 'iarrtaiche' san àm ri teachd.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Dè an t-ainm a th'ort?

Unread post by GunChleoc »

Cuiridh mi fuaimneachadh eadar-dhealaichte air m' ainm nuair a bhios mi thall thairis on a tha e nas fhasa, ach seo an diofar: Nì mi le mo thoil fhèin e is cha tèid a sparradh orm san dùthaich agam fhèin!
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Dè an t-ainm a th'ort?

Unread post by Thrissel »

Uaireannan, feumar compromise reusanta a bhith ann. Mar eisimpleir, tha an litir š san t-sloinnidh agam. Gu nàdarrach, chan uarrainn dhomh iarraidh air na Breatannaich ga chleachdadh nuair a bhios iad furm air choireigin a' lìonadh air a' choimpiutair, tha fhios nach bi am meur-chlàir Sheacach aca (no fear eile anns a tha an litir a' nochdadh, chan ann gu leòr dhiubh ann). Cleachdaidh mi furm le s a-rèiste, ged a tha sin ag atharrachadh an fhuaimneachaidh (agus ged as e, strictly speaking, fraud bho shealladh lagha na dùthcha às a thàning mi).

Mar sin, nuair a dh'iarras cuideigin Dòmhnall a chleachdadh, dh'aontachainn gur ann mì-mhodhail nuair a tha cuideigin eile ga ghairm Donald, ach chan insisteadh mi gum bu chòir dhan fhear eile na fuaimneachaidhean /dɔ̃ː.əL/ is /ə 'ɣɔ̃ː.ɪLʲ/ ionnsachadh. 'S e a' cheist an còmhnaidh: far a bheil a' chrìoch? Cia mheud dhinn a sgrìobhas "Jóhanna Sigurðardóttir" agus a chanas sa Ghearmailtis-Bheurla "Karl IV, Holy Roman Emperor"?

Agus chan eilear dìreach luchd na Beurla ag eadar-theangachadh ainmean Gàidhlig. Nach fhaca sibh riamh ainmean Gaelicised de dhaoine aig nach eil/robh facal Ghàidhlig, leithid "Daibhidh Cameron" no eadhon "Seòras Orwell"?
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Dè an t-ainm a th'ort?

Unread post by Seonaidh »

Thrissel wrote:Nach fhaca sibh riamh ainmean Gaelicised de dhaoine aig nach eil/robh facal Ghàidhlig, leithid "Daibhidh Cameron"...?
Nach "Daibhidh Camshron" a th' ann?
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Dè an t-ainm a th'ort?

Unread post by Thrissel »

Chan ann, uaireannan, m.e. a rèir RnanG:
http://www.bbc.co.uk/programmes/b03965vl

Aig amannan eile, ge-tà 7 gu neònach, tha ainm ceart Bheurla aig Albannach agus eadar-theanagachadh aig Sasannach, m.e. "Gordon Brown no Daibhidh Camshron" sa Chaledonian Mercury (no An t-Airgean-beò Cailleannach?):
http://caledonianmercury.com/tag/daibhidh-camshron
Post Reply