Wordlink, Textblender, Dropbox - furasta! ;-)

Goireasan ionnsachaidh, ceanglaichean feumail is mar sin / Gaelic learning resources, useful links etc.
faoileag
Maor
Posts: 1378
Joined: Fri Jan 25, 2008 1:19 am

Wordlink, Textblender, Dropbox - furasta! ;-)

Unread postby faoileag » Thu Mar 18, 2010 12:49 am

(English below)

Bha mi a' leughadh naidheachd ùr bhon audio-bhlog Guthan nan Eilean aig Gordon Wells, agus bha iad a' bruidhinn mu Textblenders agus Wordlinks agus stuth teicnigeach mar sin, agus ciamar as urrainn dhaibh luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh a chuideachadh.

Sin am blog: http://guthan.wordpress.com/2010/03/17/ ... y-project/

Feumaidh mi aideachadh nach robh mi a' tuigsinn mòran idir anns na h-agallamhan, fiù 's anns a' Bheurla, ach bha e tairreangach gu leòr gus sealltainn air a' cheangal. Agus 's ann an sin far a dh'fhàs e fada na b' inntinniche, agus fada na b' fhasa ri tuigsinn. :D

'S urrainn dhut duilleag-lìn a chuir air an eadar-lìon, gun làrach-lìn agad fhèin, tro Dropbox (seòrsa filehosting).
'S urrainn dhut gach facal san teacsa air duilleag-lìn sam bith a cheanglachadh ri faclair sam bith air loidhne tro Wordlink.
Agus 's urrainn dhut teacsa, audio, bhideo, a h-uile rud a mheasgachadh agus a thionndadh ann an duilleag-lìn , agus na faclan a cheanglachadh ri faclair air loidhne tro Textblender.

Nuair a tha beagan ùine agam, feuchaidh mi e. Gu fìor. Agus cha bhi sin a' tachairt ro thrice!

Seallaibh an seo (mìneachadh Beurla, le bhideos agus demos):

http://www.languages.dk/tools/index.htm

Have just discovered the joys of Dropbox (a kind of filehosting) combined with Textblender and Wordlink, which allow you to turn text into public webpage (even if you have no website of your own) and link each word to onliine dictionaries - really useful combinable tools for language teachers and learners. Accessible explanations in English, with demo videos -understandable even by a non-techie like me. Thanks to Gordon Wells and Kent Andersen. :P

User avatar
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4281
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Wordlink, Textblender, Dropbox - furasta! ;-)

Unread postby GunChleoc » Thu Mar 18, 2010 7:18 am

'S e prògram glè inntinneach a th' ann!
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

Gordon Wells
Posts: 64
Joined: Sat Feb 13, 2010 5:18 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Beinn na Faoghla

Re: Wordlink, Textblender, Dropbox - furasta! ;-)

Unread postby Gordon Wells » Sat Oct 02, 2010 6:17 pm

Tha POOLS-T air tighinn gu crìoch a-nist. Ach 's cinnteach gun cùm Caoimhín agus Kent orra leis an obair - gu h-àraid ma bhios beachdan ùra a' tighinn a-steach "bhon choimhearsnachd". Eisimpleirean an seo le Guthan nan Eilean:

http://guthan.wordpress.com/2010/10/01/ ... wordpress/

Gordon Wells
Posts: 64
Joined: Sat Feb 13, 2010 5:18 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Beinn na Faoghla

Re: Wordlink, Textblender, Dropbox - furasta! ;-)

Unread postby Gordon Wells » Fri Nov 04, 2011 4:34 pm

O PhOOLS gu TOOLS... (Faodaidh sibh sin a leughadh ann an dòigh eile, cuideachd - tha fios agam :?)

http://www.ampaipear.org.uk/2011/11/fro ... ngual-way/

User avatar
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4281
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Wordlink, Textblender, Dropbox - furasta! ;-)

Unread postby GunChleoc » Sat Nov 05, 2011 3:43 pm

Guma math a thèid leibh leis an ath cheum! :D
Oileanach chànan chuthachail

Na dealbhan agam

User avatar
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Wordlink, Textblender, Dropbox - furasta! ;-)

Unread postby Seonaidh » Sun Nov 06, 2011 6:14 pm

Tha agam ri ràdh gun seall seo mar recipe dhomhsa! "Drop your word into the blender to make text", no rudeigin mar sin. An e "sgòth-choimpiutaireachd" a th' ann?

User avatar
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4281
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Wordlink, Textblender, Dropbox - furasta! ;-)

Unread postby GunChleoc » Tue Nov 08, 2011 11:39 am

Agus an uair sin ith briosgaidean a' bhrabhsair agad :P
Oileanach chànan chuthachail

Na dealbhan agam

Gordon Wells
Posts: 64
Joined: Sat Feb 13, 2010 5:18 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Beinn na Faoghla

Re: Wordlink, Textblender, Dropbox - furasta! ;-)

Unread postby Gordon Wells » Thu Feb 02, 2012 11:03 am

Agus seo agaibh "clilstore" a chàirdean - agus tha mi an dòchas nach iarr sibh orm Gàidhlig a chur air sin! :-)

http://guthan.wordpress.com/2012/02/01/ ... -gaidhlig/

Eisimpleirean ann an Danmhairgis is Arabais cuideachd an seo, le mìneachadh sa Bheurla:

http://tools4clil.wordpress.com/2012/01 ... periments/


Return to “Iomradh is Ceanglaichean / Reference and Links”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest