Prògram inntinneach Thuige Seo

Goireasan ionnsachaidh, ceanglaichean feumail is mar sin / Gaelic learning resources, useful links etc.
Tearlach61
Maor
Posts: 206
Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
Location: Juneau
Contact:

Prògram inntinneach Thuige Seo

Unread post by Tearlach61 »

http://www.bbc.co.uk/iplayer/gd/episode ... 3_05_2009/

Seo ceangal gu prògram a bha gu math inntinneach dhomh. 'S e agallamh ri fear Domhnall Meek a mhàireas leth uair a thìde. Mholainn-sa do fhear-ionnsachaidh sam bith leis cho siùbhlach sa tha e a chuid Ghàidhlig. Chaidh e a thogail sa Ghàidhlig air an eilean Tioradh 's cha robh aon fhacal Beurla aige nuair a chaidh e dhan sgoil. 'S iontach a tha sin leis gur e Beurla a bh'aig athair bho thùs. 'S ann a tha e a' dealbhadh dhuinn fìor saoghal far an robh làmh aig a' Ghàidhlig aig an lìnn sin.

B' aithne domh an t-ainm Domhnall Meek ceart gu leòr mu thràth ach cha tàinig e riamh a-steach orm gur esan a chuir Bòrd na Gàidhlig air dòigh an toiseach.

Co-dhiù, 's fhiach èisteach ris a' phrògram. Rinn mi fhìn clàradh dheth 's 's ann a tha air an ipod agam gus èistinn ris gu dlùth 's fhiosrachadh ri thaobh na Gàidhlig deoghail as.


Post Reply