Dàin freagarrach airson Oidhche Burns

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
Tearlach61
Maor
Posts: 206
Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
Location: Juneau
Contact:

Dàin freagarrach airson Oidhche Burns

Unread post by Tearlach61 »

Fhuair mi cuireadh airson pìos dàn a sheinn aig Oidhche Burns a tha gu bhi ann an ath-mhìos ann an Juneau. Dh'iarr i orm pìos le Burn a sheinn sa Ghàidhlig ach sa chiad-dol-a-mach chan àithne dhomh dàn le Burns anns an t-seagh Gàidhlig. Co-dhiù, 's iomadh bàird Gàidhlig a bu chòir a bhith air an comharrachadh a bharrachd air Burns a-mhàin, nam bheachd-sa co-dhiù.

Ach saoilidh mi gum biodh e math nan robh òran Gàidhlig agam à linn Burn ri sheinn.

Co-dhiù, an àithne do dhuine sam bith òran Gàidhlig ann an seagh Gàidhlig?

Chuck


Tearlach61
Maor
Posts: 206
Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
Location: Juneau
Contact:

Unread post by Tearlach61 »

Uill, thachair an oidhche Burns 's sheinn mi òran ach òran le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, Òran Eile do Bhlàr na h-Eaglaise Brice. Chaidh e gu math. Bha microphone math agam 's cha b' fheudar dhomh sheinn aig àrd mo claiginn mar a bha mi an dùil ach gu socair 's tha seo fada nas fhasa.

Co-dhiù, 's e an rud a thachair as deidh làimh a tha inntinneach. Nuair a bha sinn ullachadh ri falbh, nochd duine a bha seo ri mo thaobh 's thòisich e bruidhinn rium sa Ghàidhlig!

Uill, abair iongnadh 's toileachas aig an aon àm! 'S duine à Haines a th'ann. Dh'innse e domh gu robh a chomas leughaidh ceart gu leòr ach air sgàth ginn cothroman comhraidh, chan eil a chuid comhraidh cho math. Uill, bha e ceart gu leòr dhomhsa, 's dh'innse mise dha gum bi cothrom dha uair sam bith a thogras e bho sin a-mach. 'S dòcha gum faic sinn e an seo ann an ùine nach bi fad.

Chuck
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Tha mi toilichte gun do thachair sibh ri chèile :D

Bidh Oidhche Burns ann anns an taigh-seinne Albannach DiHaoine. Tha mi airson dol ann
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply