Òran : a bheil an litir ceart ?

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
miguel
Posts: 51
Joined: Thu Sep 20, 2007 9:16 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An ceann ann an Steòrnabhagh an-dràsta
Contact:

Òran : a bheil an litir ceart ?

Unread post by miguel »

Hallo, :)

Lorg mi an t-òran seo : "Eilean Sgalpaigh na Hearadh", le John Blair, agus chluich mi e leis an giotar agam, ach tha mi a'smaoineachadh there is some differences eadar an litir (lyrics) agus a' bhideo (??) :
http://fr.youtube.com/watch?v=5pjQYbsnQ ... re=related

Dè tha John Blair ag innse (words in bold character in the text) ?

Tapadh leibh

Eilean Scalpaigh na Hearadh
Eilean maiseach mo ghràidh
Eilean cùbhraidh nam beanna
Nan gleanna 's nan càrn
Far an robh mi o m'òig
Air bheag eòlais nan càs
Falbh nan cluaineagan bòidheach
Ann an òb Cheann a' Bhàigh

Rubha Glas a tha bòidheach
Thogadh òg ann mi suas
Siud mo rogh' àite còmhnaidh'
'M fianais mhórthonn a' chuain
'G èisdeachd alltan a' bhearraidh
Ruith na dheannaibh a-nuas
'N àm èirigh is laighe
Ceòl na mara nam chluais

Meall Chailbost tha sgiamhach
Àite feurach na sprèidh
Siud an sealladh as brèagha
Tha fo iarmailt na grèin
Faicinn uain anns gach bealach
Aotrom ealant' a' leum
Eòin an t-slèibh 's iad ri caithream
Air gach bearradh is geug

Soraidh slàn leis an eilean
Eilean maiseach an fhraoich
Eilean suairce na Gàidhlig
Far an d'àraicht' na laoich
Guma slàn leis gach càrnan
Gach tràigh agus caol
Siud mo dhùrachd 's mo bheannachd
Do dh'eilean Scalpaigh mo ghaoil

Eilean Scalpaigh na Hearadh
Eilean maiseach mo ghràidh
Eilean cùbhraidh nam beanna
Nan gleanna 's nan càrn
Far an robh mi o m'òig
Air bheag eòlais nan càs
Hmmmmmmmmmmm
Eilean Scalpaigh mo ghràidh


GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Òran : a bheil an litir ceart ?

Unread post by GunChleoc »

miguel wrote:'N àm èirigh is laighe
'S an àm. Cha d' rinn e ach "agus" a chur ris.
miguel wrote:Tha fo iarmailt na grèin
Saoilidh mi gur e "nan speur" a th' ann. Chan eil mi cinnteach co-dhiù.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Eilean Scalpaigh na Hearadh
Eilean maiseach mo ghràidh
Eilean torrach nam beanna 'S e Eilean "torrach" a ghabh e. (fertile)Nan gleanna 's nan càrn
Far an robh mi glè òg agus glè òg
Air bheag eòlais nan càs
Falbh nan cluaineagan bòidheach
Ann an òb Cheann a' Bhàigh

Rubha Glas a tha bòidheach
Thogadh òg ann mi suas
Siud mo rogh' àite còmhnaidh'
'M fianais mhórthonn a' chuain
'G èisdeachd alltan a' bhearraidh
Ruith na dheannaibh a-nuas
'N àm èirigh is laighe 's an àm - seo na chuala mi fhìnCeòl na mara nam chluais

Meall Chailbost tha sgiamhach
Àite feurach na sprèidh
Siud an sealladh as brèagha
Tha fo iarmailt na grèin nan speur a ghabh e.
Faicinn uain anns gach bealach
Aotrom ealant' a' leum
Eòin an t-slèibh 's iad ri caithream
Air gach bearradh is geug

Soraidh slàn leis an eilean
Eilean maiseach an fhraoich
Eilean suairce na Gàidhlig
Far an d'àraicht' na laoich
Guma slàn leis gach càrnan
Gach tràigh agus caol
Siud mo dhùrachd 's mo bheannachd
Do dh'eilean Scalpaigh mo ghaoil

Eilean Scalpaigh na Hearadh
Eilean maiseach mo ghràidh
Eilean torrach nam beanna
Nan gleanna 's nan càrn
Far an robh mi glè òg
Air bheag eòlais nan càs
Hmmmmmmmmmmm
Eilean Scalpaigh mo ghràidh


Tha mi smaoineachadh gur iad sin beagan de na tha diofraichte eadar na faclan (lyrics) a th' agad ann an seo, agus na bha am fear a' seinn anns a' bhideo.

I think that these are some of the differences between the lyrics that you have here, and what the man was singing in the video.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Post Reply