Co-labhairt is Cuirm-chiùil, Dùn Èideann 23-24/6/2011

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
Ciorstag Stiubhart
Posts: 3
Joined: Thu Jun 02, 2011 9:16 pm
Language Level: Fileanta
Location: Dùn Èideann

Co-labhairt is Cuirm-chiùil, Dùn Èideann 23-24/6/2011

Unread post by Ciorstag Stiubhart »

Tha mi cinnteach gum bi uidh aig daoine anns an co-labhairt is cuirm-chiùil a seo:

Alasdair MacGilleMhìcheil: Cruinneachaidh, Connspaid is Co-theacs
Diardaoin 23 gu Dihaoine 24 Òg-mhìos 2011
Ionad Chruinneachaidhean-Rannsachaidh,
Leabharlann Oilthigh Dhùn Èideann, Ceàrnag Sheòrais, Dùn Èideann.

Gus comharrachadh mar a thèid an ceum as ùire de Phròiseict MhicGilleMhìcheil MhicBhatair a choilionadh a dh’ aithghearr, tha e ’na adhbhar-pròis do dh' Ionad Chruinneachaidhean-Rannsachaidh co-labhairt mhòr eadar-roinneil a thairgsinn aig a bheil mar chuspairean beatha, obair, agus dìleab Alasdair MhicGilleMhìcheil (1832–1912), fear-cruinneachaidh beul-aithris, ùghdair (Carmina Gadelica), agus sàr Ghàidheal.

Am measg nan cuspairean sònraichte a thèid cnuasachadh aig a’ cho-labhairt bidh teaghlach MhicGilleMhìcheil; caraidean Alasdair MhicGilleMhìcheil; MacGilleMhìcheil mar fhear-cruinneachaidh theacsaichean agus nithean; MacGilleMhìcheil agus an àrainneachd; cho math ri beul-aithris anns an linn dhiotsataich.

Airson tuilleadh fios rachaibh gu:
http://www.carmichaelwatson.lib.ed.ac.u ... hairt.html

A BHARRACHD AIR A SIN...
Thèid a’ cho-labhairt gu crìoch le cuirm-chiùil ann an Tàlla na Ban-Naoimh Cecilia, Cowgate, Dùn Èideann, leis an t-seinneadair ainmeil Cathlin NicAonghais agus còisir ionadail Còisir Dhùn Èideann. Tha a’ chuirm-chiùil fosgailte do na h-uile; gabhaidh tiocaidean a cheannach air làraich-lìn ePay Oilthigh Dhùn Èideann: http://www.epay.ed.ac.uk - rannsaichibh le 'Carmichael'. Cosgaidh gach tiocaid 10 not, le deoch an asgaidh eadar dà leth na cuirme.

Ma bhitheas ceist agaibh mu dhèidhinn a' cho-labhairt neo a' chuirm-chiùil cuir fios gu carmichael.watson@ed.ac.uk

Ciorstag


Ciorstag
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Co-labhairt is Cuirm-chiùil, Dùn Èideann 23-24/6/2011

Unread post by faoileag »

Mòran taing , a Chiorstag!
Iomairt inntinneach gu leòr. :D


Thug mi am post seo a-mach às an roinn 'INtroductions', far nach biodh mòran daoine ga fhaicinn - tha mi 'n dòchas gum faic iad an-seo e!
Ciorstag Stiubhart
Posts: 3
Joined: Thu Jun 02, 2011 9:16 pm
Language Level: Fileanta
Location: Dùn Èideann

Re: Co-labhairt is Cuirm-chiùil, Dùn Èideann 23-24/6/2011

Unread post by Ciorstag Stiubhart »

Mòran taing airson am post agam a ghluasad. Cha do mhothaich mi gun robh e fo'n tiotal 'Introductions'. Ùranach, eh? :)
Ciorstag
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Co-labhairt is Cuirm-chiùil, Dùn Èideann 23-24/6/2011

Unread post by faoileag »

ùranach = newbie?? 'S toil leam sin! :lol:
Ciorstag Stiubhart
Posts: 3
Joined: Thu Jun 02, 2011 9:16 pm
Language Level: Fileanta
Location: Dùn Èideann

Re: Co-labhairt is Cuirm-chiùil, Dùn Èideann 23-24/6/2011

Unread post by Ciorstag Stiubhart »

Naidheachd!
Bi Fin Moore agus Sarah Hoy a'cluich aig cuirm-ciùil 'Carmina Gadelica' comhla ri Kathleen MacInnes agus Còisir Dhùn Èideann, Di-haoine seo tighinn 24 Og-Mhios, aig Talla Ban-Naoimh Cecilia, Dùn Èideann. Ticeadean fhathast £10 air loidhne neo aig an dorus.

Ticeadan: https://www.epay.ed.ac.uk/browse/extra_ ... hresults=1

News just out!
Fin Moore and Sarah Hoy will be playing alongside Kathleen MacInnes and Còisir Dhùn Èideann this Friday 24 June at St Cecilia's Hall, Edinburgh. Tickets are still only £10 online or at the door. So if you missed Kathleen the other week at Am Bothan - now's your chance!

Tickets: https://www.epay.ed.ac.uk/browse/extra_ ... hresults=1

See you there?

Ciorstag
Ciorstag
Post Reply