Page 1 of 1

Iris Ghàidhlig air-loidhne ùr: Dàna

Posted: Mon Mar 10, 2014 11:51 pm
by faoileag
Iris Ghàidhlig ùr air loidhne a-nis :moladh:
- an dòchas gu bheil ise nas mairsinniche na an fheadhainn a bha roimhpe.

http://danamag.org/

Tha cruth 'blog' aice - bidh artaigilean ùra de gach seòrsa a' nochdadh fad na h-ùine. Tha iad a' sìreadh phìosan le luchd-cleachdaidh cuideachd.

Chan eil fiosrachadh mun neach/luchd-deasachaidh air an làrach-lìn, ach tha coltas ann gu bheil i co-cheangailte ris an MLitt ann am Foillseachadh aig Oilthigh Shruighlea, leis an tabhartas bho Chomhairle nan Leabhraichean.

http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/26513746

Re: Iris Ghàidhlig air-loidhne ùr: Dàna

Posted: Mon Mar 24, 2014 2:10 am
by Màiri na Coille
Chunnaic mi an iris seo! Ach--chan urrainn dhomh na h-artaigilean a leughadh. Chan eil an Gàidhlig agam gu leòr math! :naire:

Re: Iris Ghàidhlig air-loidhne ùr: Dàna

Posted: Wed Mar 26, 2014 8:36 pm
by Ceid
Leugh mi beagan artaigilean agus 's glè thoil leam i. Tha mi ag ionnsachadh Breatnais 's beagan Ogsatanais cuideachd agus bha mi glè thoilichte gu sgrìobh Steaphan ('s e An Gobaire a tha air an-seo, nach e?) artaigil mu cànan roinneil na Frainge. :moladh:

Re: Iris Ghàidhlig air-loidhne ùr: Dàna

Posted: Thu Apr 03, 2014 10:44 am
by GunChleoc
Màiri na Coille wrote:Chunnaic mi an iris seo! Ach--chan urrainn dhomh na h-artaigilean a leughadh. Chan eil an Gàidhlig agam gu leòr math! :naire:
Feuch an cleachd thu Wordlink leotha agus leugh pìosan beaga dhiubh.

Try using Worlink with them and read liittle pieces of them.

Re: Iris Ghàidhlig air-loidhne ùr: Dàna

Posted: Tue Apr 08, 2014 10:56 pm
by Màiri na Coille
Tapadh leat! 'S dòcha feuchaidh mi sin. Seachdain sa chaidh, bha mi air Dàna agus leugh mi aon sgeul slàn. Bha mi a' tuigsinn a' mhòr-chuid dheth!

Thanks! I might try that. Last week I was on Dàna and I read one whole story. I understood most of it!

Re: Iris Ghàidhlig air-loidhne ùr: Dàna

Posted: Thu Apr 10, 2014 11:24 am
by GunChleoc
Nach math sin :)