Page 1 of 1

Cluinntinn nam faclan san òran

Posted: Sat Jul 12, 2014 8:11 pm
by Zwalla28
Dh'fhàs mo chuid èisteachd nas fheàrr buileach na bha i, agus mar sin, tha mi nis a' feuchainn ris na faclan òran a chluinntinn gun chuideachadh sam bith. Ged 's tric gur urrainn dhomh na faclan a lorg san eadar-lìn às dèidh dhomh an t-òran a chluinntinn, airson samhlachadh nam faclan eadar an dà chuid 's faicinn an do rinn mi gu math, chan urrainn dhomh an uair seo agus tha mi a' toirt oirbh mo chuideachadh :D.

Seo an t-òran, a chaidh a sgrìobhadh le Brian O hEadhra, Mo Chaileag Bhon Eilean:
https://soundcloud.com/brian-oheadhra/m ... songwriter

Agus seo na chuala mi:
Sèist:
Mo chaileag bhon eilean, a luaidh 's a ghràidh,
'S tusa mo rùn agus bidh thu gu bràth,
Bidh sinn ri chèile gach oidhch' 's gach latha,
mo chaileag bhon eilean cho bòidheach.

Nuair a bha mi nam dheugair bha mo chridhe làn dùil,
am faigh mi tè bhòidheach 's ghàidhealach làn ciùil,
Bh' agam ri feitheamh deich bliadhna co-dhiù,
Gus an d' fhuair mi an aon chaileag dhomhsa.


Sèist a-rithist

Tha cuimhn' 'am air an oidhche a chunnaic mi i,
a' gàireachdainn 's a' seinn 's a' coimhead cho binn,
Tha fios 'm bhon uair sin nach bi(odh?) ann ach sinn fhìn,
Nach mise am balach bha sunndach.


Sèist a-rithist

Shiubhailinn-sa?? fada tro fhrasan 's sneachd'
gus an ruiginn-sa ise tha coibhneil 's laghach
'S rachamaid a dhannsa an oidhche air fad,
Nach ????brèagha dhomh???? 's milis an fhòrtan???


A-niste a chàirdean, thig mi gu crìoch,
Chan eil dad eile ri ràdh mun dithis againn fhìn,
Ach gum bi sinn ri chèile làn sonais 's ??sìlis??
???A chluinneas??? ar càirdean cho prìseil


Sèist a-rithist

Mo chaileag bhon eilean cho bòidheach

Tapadh leibhse r' ur cuideachadh :)

Re: Cluinntinn nam faclan san òran

Posted: Tue Jul 15, 2014 1:35 am
by Zwalla28
Duilich airson a' phuist eile seo, ach bha mi ag iarraidh ri "gum faigh mi" an àite "am faigh mi" a chur sa' phost os cionn.

Re: Cluinntinn nam faclan san òran

Posted: Mon Sep 08, 2014 11:07 am
by GunChleoc
Nach math a rinn thu! Dìreach rud no dhà a thuig mi ann an dòigh eadar-dhealaichte:

Tha cuimhn' 'am air an oidhche a chunnaic mi i,
a' gàireachdainn 's a' seinn 's a' coimhead cho grinn,
Tha fios 'm bhon uair sin nach biodh ann ach sinn fhìn,
Nach mise am balach bha sunndach.


Shiubhlainn-sa fada tro fhrasan 's sneachd'
gus an ruiginn-sa ise tha coibhneil 's laghach
'S rachamaid a dhannsa an oidhche air fad,
Nach brèagha dhomh 's milis an fhortan

A-niste a chàirdean, thig mi gu crìoch,
Chan eil dad eile ri ràdh mun dithis againn fhìn,
Ach gum bi sinn ri chèile làn sonais 's sìth
Leis
a chluinneas ar càirdean cho prìseil