Ach, air sgàth gur e Gàidhlig a th' ann, tha e ceart gu leòr

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Ach, air sgàth gur e Gàidhlig a th' ann, tha e ceart gu leòr

Unread post by Gràisg »

Alisdair a-mach air na h-amadain aineolaich anns a' bhlog aige:

Thoir dhomh an t-slapag...


*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Re: Ach, air sgàth gur e Gàidhlig a th' ann, tha e ceart gu

Unread post by *Alasdair* »

Mòran taing son sin a chur air seo.

Ach, nach e rud truagh a th' ann? Tha e gam dhènamah feargach a h-uile turas a chluinneas mi an sgudal ud. I'll give them "highland gibberish" gu dearbh!
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Re: Ach, air sgàth gur e Gàidhlig a th' ann, tha e ceart gu

Unread post by AlasdairBochd »

Tha mi buileach cinnteach gur e "attention seekers" a th' annta. And we react every time (me too). Saoil, an sgitheadh iad air a' chuis mur a bhi freagairtean idir ann? Tha làn fhios aig daoine ciallach gur e sgudal a th' ann, so why worry. We won't convince the idiots anyway.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Ach, air sgàth gur e Gàidhlig a th' ann, tha e ceart gu

Unread post by akerbeltz »

Ghèill mi bliadhnaichean air ais a' phuing sin a thoirt fa-near do dhaoine. Ach tha an ceart agad.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Ach, air sgàth gur e Gàidhlig a th' ann, tha e ceart gu

Unread post by Gràisg »

Seo seòrsa de antidote a tha a' sgaoileadh deagh phropoganda am measg an fheadhainn a tha leantainn nam 'Bloggerati' bheurla ann an Alba.
http://tocasaid.blogspot.com/2011/01/he ... -2011.html

Seadh 's e attention seekers a th'annta ach saoil am bu chòir dhuinn sùil a chumail orra gu h-àraidh aig àm staing ionmhais a tha seo nuair a tha na populists a'' lorg leisgeil sam bith gus aire a tharraing dhaibh fhèin fhad's a tha sinn a' dlùthadh air an ath thaghadh Taigh an Roid? (an dà chuid luchd-naidheachd agus luchd-poilitigs).
'S e ceap coireach a dhith orra agus mar a mhothaich Alistair, 's urrainn dhut na Gaidheil a chleachdadh ann an dòigh nach urrainn dhut le slòigh eile.
'S math a rinn Art ann a bhith freagairt feadhainn dhiubh agus nach bu choir sinn uile a bhith deònach agus deiseil taic a thoirt dha gu h-àraidh nuair a thig amaideas eile am barr. Saoil am bidh factaraidh aca ri lorg fo chloich ann am badeigin dorch air choireigin?
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Ach, air sgàth gur e Gàidhlig a th' ann, tha e ceart gu

Unread post by Thrissel »

AlasdairBochd wrote:Tha làn fhios aig daoine ciallach gur e sgudal a th' ann, so why worry.
Chan eil mi cho cinnteach. Leugh mi agallamh le Cairistiona Stone à Chomataidh Mòd Ghallaibh agus bha i ag ràdh gun robh eagal aig a' mhòr-chuid de dhaoine ann, comhairlichean san àireamh, gun robh ceangal eadar am Mòd agus sanasan rathaid dà-chànanach ann an Gallaibh - agus, air an làmh eile, gun robh na Gàidheil a' smaoineachadh nach robh muinntir Ghallaibh ag iarraidh a' Mhòid. Thuirt i gun robh e uabhasach doirbh dhi mìneachadh nach b' e fìrinn ann an dà rud. Dè cho ciallach a tha thu, nuair a tha thu air am breug a-mhàin a chluinntinn, dè smaoineachas tu?
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Re: Ach, air sgàth gur e Gàidhlig a th' ann, tha e ceart gu

Unread post by AlasdairBochd »

Ceart gu leòr a Thrissel agus a Ghràisg, ach bha mi a' ciallachadh an "tit-for-tat" point scoring a tha mi a' faicinn air na pàipeirean naidheachd.

"Never wrestle with a pig. You'll both get dirty but the pig enjoys it." :D

Tha na h-ath-sgriobhaidhean dhen t-seòrsa mar a sgriobh Art na rudan eile uile gu lèir. Tha iad làn de fior fhiosrachadh, na "facts and figures", a' sealltainn dè cho aineòlach a tha na daoine an aghaidh na chànain.

Cum oirbh le sin gu dearbh.
*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Re: Ach, air sgàth gur e Gàidhlig a th' ann, tha e ceart gu

Unread post by *Alasdair* »

Rinn mi an rud RSS air FB a-rithisr agus dh'obraich e. Niste tha mi connected air feadh an lìn :P

Tha blog ùr air a dhol suas an-dràst - a' coimhead air staid na Gàidhlig agus figearan an Cunntas-sluaigh.
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Re: Ach, air sgàth gur e Gàidhlig a th' ann, tha e ceart gu

Unread post by Neas Olc »

Preaching to the choir...? Chrèid mi gum bi a'mhòrchuid de na daoine a leughas an art sin den aon bheachd fhathast, faicinn gu bheil e ann an Gàidhlig.

A-nis bu choir dhan sgrìobhadair an aon rud a sgrìobhadh ann am Beurla àite sam bith, gus a shealladh dhà na 'haters'...ged nach dèanadh sin mòran gus an atharrachadh ma tha mi eòlach orra idir.
Post Reply