Oifis na Sìde agus ro-aithrisean ann an Gàidhlig

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4517
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Oifis na Sìde agus ro-aithrisean ann an Gàidhlig

Unread post by GunChleoc » Thu Feb 03, 2011 3:03 pm

Naidheachd bho Oifis na Sìde
01 Gearran 2011

Oifis na Sìde agus ro-aithrisean ann an Gàidhlig
Tha ro-aithrisean sìde rim faotainn ann an Gàidhlig a-nis air làrach-lìn Oifis na Sìde, a’ soillearachadh an fhiosrachaidh as ùire mun aimsir agus rabhaidhean sam bith a tha beò do 58,000 neach le Gàidhlig, agus a bharrachd air sin mòran luchd-ionnsachaidh air feadh na h-Alba.

Tha tòrr de ro-aithrisean na sìde a-nis air làrach-lìn “INVENT” a tha fo stiùir Oifis na Sìde a’ tairgse fiosrachadh ann an Gàidhlig agus Beurla, a’ tairgse ro-aithrisean mionaideach airson Alba fhèin, agus timcheall air 5,000 ro-aithris mionaideach son àiteachan eile feadh an UK.

Mar bhuidhinn ro-aithris sìde nàiseanta na h-Alba, tha Oifis na Sìde a’ lìbhrigeadh ro-aithrisean agus rabhaidhean ceithir uairean fichead an latha ach am faigh muinntir na dùthcha tighinn suas ris an aimsir. Bidh an leasachadh ùr seo annns an dòigh anns am bheil sinn a’ frithealadh ro-aithrisean a’ tairgse seirbheis a tha nas goireasaiche agus nas freagarraich do luchd-labhairt na Gàidhlig.

Thuirt Iain Forsyth, Ceannbhair Seirbheis Poblach na Sìde aig Oifis na Sìde: “Tha sinn fìor thoilichte a bhith ag obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig ach am faigheamaid ar ro-aithrisean a sgaoileadh tron Ghàidhlig.”

Thuirt Fiona Hyslop,BPA, Ministear na Gàidhlig ann an Riaghaltas na h-Alba: “Tha Riaghaltas na h-Alba làn-thaiceil ann a bhith a’ cruthachadh slighe dhan Ghàidhlig a tha seasmhach agus tèarainte. Tha Oifis na Sìde a’ tairgse cothroman do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a’ chànan a chleachdadh nan dòigh-beatha, agus tha leithid de cheum aig cridhe gach oidhirp a tha sinn a’ dèanamh àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh.

Tha an taic a tha Oifis na Sìde a’ toirt dhan Ghàidhlig a’ cur gu mòr ri gach oidhirp a tha romhainn airson ginealach ùr de luchd-labhairt a chruthachadh agus tha sinn a’ cur fàilte air sin. Tha an obair seo a cur gu mòr cuideachd ri iomairtean eile a tha a’ tighinn air adhart ann an saoghal an fhoghlaim, na h-ealain agus cuibhreannan eile de bheatha poblach na h-Alba.”

Chuir Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig Art MacCarmaig fàilte air an leasachadh. Thuirt esan: “Tha fàilte chridheil ga chur air an aithne seo a tha Oifis na Sìde a’ cur air luach na Gàidhlig agus mar a tha a’ bhuidhinn a’ cuideachadh le bhith ag àbhaisteachadh na Gàidhlig.

“Tha buaidh mhòr aig an t-sìde air beatha dhaoine air feadh na dùthcha agus ann an coimhearsnachd na Gàidhlig gu sònraichte tha beairteas de chànan agus briathrachas a thig beò tron leasachadh seo, agus a bheir dhuinn cothrom eile cur ri adhartas agus seasmhachd na Gàidhlig tro bhith ag àrdachadh inbhe agus follaiseachd. A bharrachd air sin, thèid sùilean agus cluasan an luchd-ionnsachaidh fhosgladh gu cothroman ùra an sgilean a thoirt air adhart ach am bi iad nas comhfhurtail leis an àrainneachd agus gnothaichean co-cheangailte ris an aimsir. Tha Oifis na Sìde rim moladh son a’ cheum seo agus tha fiughar agam coimhead ri leasachaidhean eile mar seo bho bhuidhnean eile.”

Tha Oifis na Sìde cuideachd a’ foillseachadh ro-aithrisean sìde do na Pàircean Nàiseanta Albannach anns a’ Mhonadh Ruadh agus taobh Loch Laomainn, agus cuideachd Ro-Aithrisean Monaidh airson taobh an ear agus taobh an iar na Gàidhealtachd.

A bharrachd air a bhith nis a’ frithealadh ro-aithrisean ann an Gàidhlig, tha Oifis na Sìde a’ cur a-mach ro-aithrisean ann an Cuimris. Tha na ro-aithrisean anns na diofar chànan a-nis rim faotainn air làrach-lìn Oifis na Sìde.

A’ CHRÌOCH

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu oifis naidheachd Oifis na Sìde +44 (0) 1392 886655 no post-d gu pressoffice@metoffice.gov.uk

Fiosrachadh do luchd-deasachaidh:


Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam


GunChleoc
Rianaire
Posts: 4517
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Oifis na Sìde agus ro-aithrisean ann an Gàidhlig

Unread post by GunChleoc » Fri Feb 04, 2011 3:50 pm

Abair seilcheag mise :lol:

Glaisidh mi an cuspair seo gus nach bi dà fhear againn.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

Locked