Sell-out? no nach bu choir dragh sam bith a bhith oirnn?

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Sell-out? no nach bu choir dragh sam bith a bhith oirnn?

Unread post by Gràisg »

Nach eil na leanas a' dol gu tur an aghaidh feallsanachd plana na Gaidhlig? No am bu choir don a h-uile duine a' gabhail ris cuideachd? Dè an doigh as fheàrr air adhart?

"Tha Bòrd na Gàidhlig a' gabhail ris gum feum oifigich chomhairle aig nach eil Gàidhlig a bhith a' cur taic ri seirbheisean foghlaim Ghàidhlig fo aois sgoile ."

Tuilleadh air BBC Alba:
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... elic.shtml
ArtMacCarmaig
Posts: 46
Joined: Wed Feb 04, 2009 10:27 pm

Re: Sell-out? no nach bu choir dragh sam bith a bhith oirnn?

Unread post by ArtMacCarmaig »

Chan eil Bòrd na Gàidhlig - ann an dòigh sam bith – "a' gabhail ris gum feum oifigich chomhairle aig nach eil Gàidhlig a bhith a' stiùireadh sheirbheisean foghlaim Ghàidhlig fo aois sgoile mar dhòigh air airgead a chùmhnadh."

Cha tuirt mise sin idir agus, nuair a thog mi seo leis a' BhBC Dihaoine 'sa chaidh, dh'aontaich iad nach robh seo iomchaidh no soilleir agus tharraing iad am pìos a bha seo bhon làrach-lìn aca.

Feumaidh daoine tuigsinn co-theacsa an agallaimh a rinn mi.

Tha Bòrd na Gàidhlig air ceathrar fhastadh an-dràsta - aig a bheil Gàidhlig agus a bhios ag obair tro mheadhan na Gàidhlig - airson taic a chumail ri buidhnean tràth-bhliadhnaichean. Thèid dithis eile a chur an dreuchd a dh'aithghearr.

Aig coinneamh de Chomataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain sa chaidh, nochd beachd gun robh iadsan a' meas gum biodh còignear oifigearan a dhìth ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd a-mhàin. Bidh 2.5 FTE de thaic aig na buidhnean air Ghàidhealtachd bho oifigearan a' Bhùird.

'S e phuing a rinn mise gum bitheamaid ro dheònach co-obrachadh le Comhairle na Gàidhealtachd mas e is gun robh iadsan airson 2.5 FTE a bharrachd fhastadh ach nach robh dòigh aig a' Bhòrd sin a dhèanamh a' chiad ghreis. Bha mi a' dèanamh a' phuing, cuideachd, gu bheil oifigearan aig Comhairle na Gàidhealtachd mar thà a' toirt taic do thràth-bhliadhnaichean anns a' Bheurla a dh'fhaodadh taic a thoirt do bhuidhnean Gàidhlig. Bha mi a' ciallachadh le obair rianachd a-mhàin nach biodh a' tachairt far a bheil na buidhnean a' coinneachadh agus a-mhàin far nach tèid milleadh a dhèanamh air àrainneachd na Gàidhlig.

Cha bhi daoine a' cur air dòigh teisteanasan sgrùdaidh aig an àm a tha buidheann ro-sgoile a' coinneachadh. Bidh àrachas air a chur air dòigh taobh a-muigh gnothaichean làitheil nam buidhnean. Tha trèanadh air na riaghailtean co-cheangailte ri buidhnean carthannais, mar eisimpleir, ri fhaotainn fad is farsaing.

Ann an saoghal eile, agus san àm ri teachd, bhiodh e math nam biodh na seirbheisean sin uile ri fhaotainn ann an Gàidhlig. 'S e an rud a tha cudromach gum bi na h-oifigearan aig Bòrd na Gàidhlig a' toirt taic – ann an Gàidhlig – do na buidhnean ionadail leis am bi iad ag obrachadh. Ach tha rudan eile 'back-room' a ghabhadh a dhèanamh le oifigearan na Comhairle – mas e is gu bheil rùn ann – airson taic a chumail riutha cuideachd. Sin uile a bha mi ag ràdh agus chan eil mi den bheachd –a-muigh no a-mach – gu bheil e 'ceart gu leòr' gabhail ri 'stiùireadh' anns a' Bheurla.
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Sell-out? no nach bu choir dragh sam bith a bhith oirnn?

Unread post by faoileag »

Mòran taing, Art - tha a h-uile rud nas soilleire a-nis. Bha an co-theacsa a dhìth, ceart gu leòr.

Agus leis gu bheil mi fhìn nam phragmatist, tha mi a' tuigsinn glè mhath nach bi pinnt a' tighinn à siuga leth-phinnt.
Chan e sin an sàr-fhuasgladh idir, mar a bhios thu ag ràdh, ach tha e nas fheàrr na càil sam bith.

Tha aon phuing a thog thu a tha air leth cudromach:
Bha mi a' ciallachadh le obair rianachd a-mhàin nach biodh a' tachairt far a bheil na buidhnean a' coinneachadh agus a-mhàin far nach tèid milleadh a dhèanamh air àrainneachd na Gàidhlig.
Tha na structairean foghlaim agus coimhearsneachda nam failleanan (ann an iomadh àite co-dhiù) ro bhrisg fhathast a bhith a' fàs laidir gu leòr fo chus buaidh Beurla.

Ach chan eil càil ann a tha cho tarraingeach ri sgainneal ann an ceann-naidheachd - agus gu h-àbhaisteach chan eil sgainneal sam bith ann aig a' cheann thall, no ach sgainneal beag beag.
Bidh sinn a' tuigsinn seo glè mhath a thaobh sgainnealan eile sna naidheachdan, ach ma bhios Gàidhlig an sàs, tha sinn fhathast rud beag ro eagalach, ro mì-chinnteach, ro luath a bhith ga chreidsinn.

Bhiodh beagan eas-creideimh nas fheàrr dhuinn, nam bheachdsa.

No nach biodh?

:?
Post Reply