Guth nas làidire aig BnG?

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Guth nas làidire aig BnG?

Unread post by Gràisg »

Seo sanas naidheachd bhuapa. Saoil am bi na leanas a' cur eagal sam bith air Comhairle Baile Dhùn Eideann ge-tà? Ma dh'fhaoidte chan eil ann an seo dhaibh ach cothrom eile blàr fhaighinn le Taigh an Ròid gus tuilleadh airgid fhaighinn.

BÒRD NA GÀIDHLIG A’ SIREADH SOILLEIREACHADH AIR MEUDACHADH CHOSGAISEAN ANN AN DÙN ÈIDEANN
24 June 2011

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann reachdail a tha an urra ri adhartachadh agus leasachadh na Gàidhlig agus comhairleachadh Mhinistearan na h-Alba, air draghan a chur an cèill mun mheudachadh ann an cosgaisean an lùib ath-ùrachadh Sgoil Bonnington ann an Dùn Èideann.

Bha pàrantan an dòchas gum bhòtadh Comhairle Baile Dhùn Èideann airson stèidheachadh sgoil Ghàidhlig ann an Dùn Èideann nuair a choinnicheas a’ Chomhairle air 30mh Ògmhios. Tha Bòrd na Gàidhlig air taic a chur ris an iomairt seo bhon fhìor thoiseach agus air fàilte a chur cheana air co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba gus maoineachadh calpa de £1.4m a sholarachadh airson cosgais na pròiseict a chòmhdach, mar a chaidh a chomharrachadh le Comhairle Baile Dhùn Èideann. Ach o chionn ghoirid, tha tuairmsean ùra de £3.6m air a thighinn am bàrr, agus tha sin a’ togail ceist mu dheidhinn leasachadh na sgoile, agus tha Comhairle Baile Dhùn Èideann air daingneachadh an-diugh fhèin nach bi iad a’ bhòtadh a-nis gun t-Sultain, an dèidh dhaibh suirbhidh mhionaideach eile a choileanadh air an togalach a tha air a mholadh mar sgoil Ghàidhlig.

’S e togalach air an liosta clàraidh a th’ ann an sgoil Bonnington agus tha pàrantan agus buidhnean eile le ùidh air mòr-iongnadh a nochdadh nach eil a’ Chomhairle air a chumail suas.

A’ toirt beachd air an t-suidheachadh làithreach seo, thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha e deatamach gun tig luchd-ùidh, a tha air dealas làidir a thaisbeanadh a thaobh na molaidh seo mar-thà, uile còmhla cho luath ’s a ghabhas gus fuasgladh fhaotainn air an t-suidheachadh seo. Tha e soilleir a-nis gu bheil an ìre gu nach robh oifigearan ann an Comhairle Baile Dhùn Èideann comasach air ro-innse cheart a thoirt air cosgaisean an ath-ùrachaidh, aig an ìre as fheàrr air dàil a chur air adhartas agus aig an ìre as miosa air a’ phròiseact iomlan a chur ann an cunnart.”

San eadar-ama, tha Mgr MacCarmaig air sgrìobhadh mar a leanas gu Stiùiriche na Comhairle, Jenny Dawe, a’ cur an cèill fìor iomagain mu shuidheachadh chùisean aig an àm seo: “Tha e a’ coimhead coltach a-nis gun toir an ìre de dh’obair a tha a dhìth aig Bonnington cus nas fhaide na bhathar an dùil, a’ ciallachadh nach fhosgail an sgoil mar a bha san amharc ann an 2012. Mar a bhios sibh fhèin an aire, mura fosgail Sgoil Bonnington san Lùnastal 2012 tha trioblaid a thaobh rùm gu bhith ann an Crois na Cìse, agus mar sin tha e glè chudromach dhuinne nach èirich suidheachadh far a bheilear a’ cur cuibhreachadh air àireamhan sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig agus gum bi clann air an cleith bhon fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, a tha am pàrantan a’ rùnachadh dhaibh.”

“Le nas lugha na seachdain ri dhol mus coinnich a’ Chomhairle, tha e deatamach gum bi Comhairle Baile Dhùn Èidean fosgarra mun seo agus gum faic sinn fiosrachadh mionaideach mu na cosgaisean, còmhla ri mìneachadh air mar a thàinig na tachartasan mì-shealbhach seo gu bith, mar a rinn oifigearan na Comhairle a leithid sin de mhearachd a thaobh nan sùimean agus an ìre gu bheil a’ Chomhairle fo àrachas airson mèirle agus leigeil a-steach uisge, agus am pàigh tagradh airgid airson cuid de na cosgaisean a bharrachd. Gu sònraichte, feumaidh sinn fiosrachadh fhaotainn mun bhuaidh a bhios aig an seo air stèidheachadh an togalaich mar sgoil Ghàidhlig.”



Crìoch

Nota: Tha leth-bhric de na litrichean eadar Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig agus Stiùiriche Comhairle Baile Dhùn Èideann an lùib seo.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu shusbaint na brath naidheachd seo, cuiribh fios gu Steven MacÌomhair, Oifigear Conaltraidh & Cùisean Corporra air 07557 481 081.


Post Reply