Ceart, mòran taing!GunChleoc wrote:den t-Soisgeul às dèidh
Seadh, tha mi eòlach air an riaghailt seo.GunChleoc wrote:Tha riaghailtean toinnte ann air mar a gheibh thu a-mach cuine a bhios a' Chàisg ann, ach tha cnag na cùise glè shimplidh: 's e a' chiad DiDòmhnaich às dèidh a' chiad làn-gheallaich as dèidh co-fhad-thràth an earraich a th' ann. Seo riaghailt pàganach dhut
There are complicated rules about how to calculate the date of Easter, but essentially it is very simple: It's the first Sunday after the first full moon after the spring equinox. There's a pagan rule for you.
Ach tha i gu math teòirigeach: cha robh crìochan na Càisge co-thìmeil ris an reul-eòlas fiù 's san cethramh linn, nuair a chaidh na riaghailtean eaglaiseach mun a' Chàisg a stèidheachadh a-rèir a' mhìosachain Iulianaich.
B' ann san siathamh linn deug a bha am Pàpa Gregory XIII air an mìosachan eaglaiseach atharrachadh. Bha mòran daoine agus mòran dùthchannan aig a' strì an aghaidh an atharrachadh sin ùine fhada, agus ghèill a' mhòr chuid dhiubh mu dheireadh thall.
'S ann as trice a tha a' Chàisg san Eaglais againne nas anmoiche na tha i a-rèir a' mhìosachan ùr, ach bidh i am bliadhna aig an aon àm air feadh an t-saoghail.
Yes, I know this rule.
But it's a theoretical one: the limits of Easter were not coincide with astronomy even in 4th century, when the church rules about Easter were fixed according to the Julian Calendar.
Pope Gregory XIII changed the church calendar in the 16th century. Many people and many countries were struggling against this changing, and most of them evetually submitted.
Easter is mostly later in our Church than in it is according to the new calendar, but it will be at the same time thoughout the world this year.