Goireas ùr inntinneach (do dh'fhileantaich / dh'adhartaich co-dhiù) air a nochdadh:
'S e Sgeul is Seanachas a th' air a' phod-chraoladh a tha Fòram Sgeulachdan na h-Alba air cruthachadh.
Cluinnear measgachadh de sgeulachdan traidiseanta, eachdraidheil is èibhinn anns a' Ghàidhlig, air an gabhail le sgrìobhadairean agus bàird eadar-dhealaichte.
'S e an craoladair Ruairidh MacIllEathain a tha a' leughadh na ciad sgeulachd, agus bidh tè ùr a' nochdadh a h-uile mìos.
Fhuair am Fòram taic agus maoineachadh airson a' phròiseict seo bho Bhòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Leabhraichean.
Tha am pod-craoladh ri fhaighinn aig https://www.storytellingforum.co.uk/pod ... -craoladh/
https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/5062 ... _zTamABPio
Bha mi dìreach ag èisteachd ris a' chiad sgeulachd agus bha i snog!
Pod-chraoladh ùr de sgeulachdan Gàidhlig
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Pod-chraoladh ùr de sgeulachdan Gàidhlig
Mòran taing! Chuir mi ris an liosta e https://www.foramnagaidhlig.net/index.php?page=32
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam