An t-òran as fheàrr leibh?
-
- Posts: 126
- Joined: Tue Sep 18, 2007 10:43 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Inbhir Pheofharain
An t-òran as fheàrr leibh?
Dè an t-òran Gàidhlig as fheàrr agaibh uile riabh?
'S e Chì mi'n Geamhradh le Runrig an t-òran as fheàrr agamsa
'S e Chì mi'n Geamhradh le Runrig an t-òran as fheàrr agamsa
'S e Forever Young le Bob Dylan an t-òran as fheàrr agam.
No ‘Riamh nad leum’ a-rèir an eadar-theangachaidh a rinn Rody Gorman
http://www.hi-arts.co.uk/Arts-Journal/B ... Gaelic.pdf
‘Gun robh do làmhan dripeil is gun robh do chasan clis
Is làidir nuair a thèid à fradharc a’ ghrian a bha ris,
Gun gabh thu duan ‘s port-à-beul gu sunndach (is gu feum)
Is gun robh thu riamh nad leum,
Riamh nad leum, riamh nad leum,
Gun robh thu riamh nad leum.’
No ‘Riamh nad leum’ a-rèir an eadar-theangachaidh a rinn Rody Gorman
http://www.hi-arts.co.uk/Arts-Journal/B ... Gaelic.pdf
‘Gun robh do làmhan dripeil is gun robh do chasan clis
Is làidir nuair a thèid à fradharc a’ ghrian a bha ris,
Gun gabh thu duan ‘s port-à-beul gu sunndach (is gu feum)
Is gun robh thu riamh nad leum,
Riamh nad leum, riamh nad leum,
Gun robh thu riamh nad leum.’
-
- Posts: 57
- Joined: Sun Sep 23, 2007 7:43 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Tir nan Gall
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
'S toigh leam "Nuair a ràinig mi am baile" – òran Uibhisteach a chuala mi aig Julie Fowlis. Orain eile is math leam: Cànan nan Gàidheal, An t-Eilean mu Thuath, ‘S truagh nach do rugadh dall mi, Cearcal a’ Chuain, Oran Chaluim Sgàire, Màiri Nighean Dhòmhnaill…..obh obh, a bhalaich ort, tha an liosta seo gun chrìoch!
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Rianaire
- Posts: 333
- Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
- Language Level: Fileanta
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Siorrachd Rinn Friù
- Contact:
'S e "Cànan nan Gàidheal" an amhran is fheàrr leam (sa Ghàidhlig), ach tha e gu math trom ceart gu leòr.
Saoilidh mi gur e "tha agus mise" a bha thu airson sgrìobhadh. Ach leis an fhìrinn innse bhiodh "'S toigh l' is leamsa" tòrr nas fheàrr.neoni wrote:fhathast mise. abair òran!Fear Gallta wrote:'S toil leam "Óró, sé do bheatha 'bhaile". Ach tuigidh sibh gur e Gaelige seach Gàidhlig a th' ann.
-
- Rianaire
- Posts: 333
- Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
- Language Level: Fileanta
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Siorrachd Rinn Friù
- Contact:
Tha a h-uile duine a dèanamh mearachdan tric gu leòrneoni wrote: mearachd ghòrach, chan eil fhios 'am na bha mi a' dèanamh
Last edited by Coinneach Cìr on Thu Nov 01, 2007 12:28 pm, edited 1 time in total.
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
mearachdan, a Choinnich.
QED
'S e òran brèagha a th' ann Cànan nan Gàidheal
QED
'S e òran brèagha a th' ann Cànan nan Gàidheal
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Rianaire
- Posts: 333
- Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
- Language Level: Fileanta
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Siorrachd Rinn Friù
- Contact:
-
- Posts: 57
- Joined: Sun Sep 23, 2007 7:43 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Tir nan Gall
Oh aye, tha mi a' dol leatsa. 'S e òran air leth math a th' ann. Gu h-àraidh nuair a bhios Sinéad O'Connor ga sheinn. Seo ceangal: Youtubeneoni wrote:fhathast mise. abair òran!Fear Gallta wrote:'S toil leam "Óró, sé do bheatha 'bhaile". Ach tuigidh sibh gur e Gaelige seach Gàidhlig a th' ann.
-
- Posts: 19
- Joined: Sat Oct 20, 2007 12:11 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Fasaig air Paislig
-
- Rianaire
- Posts: 333
- Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
- Language Level: Fileanta
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Siorrachd Rinn Friù
- Contact:
Càite an cluinn thu an t-òran "Cànan nan Gàidheal"?MartinMcNicol wrote:Càit a bheil thu ag cluinn an t-òran " cànan nan Gàidheal"
Seo na faclan a bhios mise cleachdadh. Seinnidh mi e sa chlas Diardaoin. Chan fhaigh mi lorg air an eadar-theangachadh agus chan eil mi cinnteach ma tha an litreachadh buileach ceart. Cuideachd chan eil a h-uile rann ann.
Cha b’ e sneachda ’s an reothadh bho thuath
cha b’ e ’n crannadh geur, feur bhon ear
cha b’ e ’n uisge ’s an gailleann bhon iar
ach an galair a bhlian bhon deas
blàth, duilleach, stoc agus freumh
cànan mo threubh is mo shluaigh.
Sèist
Thuig thugainn, thuig còmh’ ruim gu Siar
gus an cluinn sinn ann cànan nam Fèinn;
thuig thugainn, thuig còmh’ ruim gu Siar
gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidheal.
Uair a chìthear fear fèileadh sa ghleann
bu chinnteach gur Gàidhlig a chainnt.
Ach a spìon iad an fhreumh às an fhonn:
’n àite Ghàidhlig tha Cànan a’ Ghoill,
’s a’ Ghàidhealtachd, creathall nan sonn,
’s tìr “majors” is “colonels” ’n-diugh a th’ innt’.
“Thoir an nuas dhuinn na coinnlearan òir,
’s annta càribh na coinnlean geal’ cèir;
lasaibh suas iad an seòmar a’ bhròin,
taigh aire seann chànain a’ Ghàidheil.”
’S e siud o chionn fhad’ thuirt a nàmh,
ach fhathast tha beò Cànan nan Gàidheal
Ged a theich i le beath’ às na glinn,
ged nach cluinnear a-nis muigh san dùn
o dhùthaich MhicAoidh fada tuath
gu ruig thu Druim Uachdar nam bò,
gidheadh, na h-Eileanan Siar
’s i fhathast ann, ciad cainnt an t-sluaigh
Last edited by Coinneach Cìr on Mon May 26, 2008 10:58 pm, edited 3 times in total.