Fàilte chridheil ort! Tha e glè mhath cluinntinn bhuat air an t-sreath seo
Tha mi ag aontachadh nach urrainn don Bhòrd a h-uile càil a dhèanamh agus ma bhios sinn ag iarraidh goireasan ùra amsaa. agus taic a chur ris a' chànan, feumaidh sinn uile an obair a dhèanamh. Nam biodh sinn a' feitheamh ri càch gus an obair a dhèanamh, cha tachradh dad.
Bidh mise deònach ag obair còmhla ris a' Bhùird no duine sam bith eile is tha mi coma dè a tha air dèanamh le cò cho fad 's a ruigeas sinn ar n-amas. The more, the merrier mar a chanas 'ad. Chan ionnsaichinn na Gàidhlig no dhèanainn an eadar-theangachadh a' bhathar-bhog seo às aonais na coimhearsneachd air loidhne a tha seo.
Mu dheidhinn nam far-ainmean: nam bheachd-sa bu chòir do gach mac an duine nach eil public figure an cleachdadh, o chionn 's gur e àite cunnartach a th' anns an eadar-lìn. Chan eil mise ag iarraidh strainnsear craicte a' nochdadh aig mo dhoras.