Slighe air adhart don Ghàidhlig aig tuath

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Slighe air adhart don Ghàidhlig aig tuath

Unread post by Gràisg »

'Thèid coinneamh a chumail ann an Dùthaich MhicAoidh Disathairne airson beachdachadh air an t-slighe air adhart don Ghàidhlig san sgìre.
Tha An Cruinneachadh ga chur air dòigh às dèidh pròiseict rannsachaidh a chaidh a dhèanamh le Urras Dùthaich MhicAoidh am bliadhna.

Thèid torraidhean an rannsachaidh, a thug sùil air a' Ghàidhlig san sgìre, fhoillseachadh aig a' choinneimh, ann an Taigh-Òsta an Ruigh Chòinnich, eadar 10:30m agus 4:00f. '

tuilleadh an seo:

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... ckay.shtml


Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Unread post by Thrissel »

an t-artaigil wrote:A rèir an Luchd-siubhail, 's i Abhainn Fòrrs ann an Gallaibh crìoch a' chànain sa cheann a tuath suas dha na 1950an, leis a' Bheurla Ghallda ga bruidhinn anns a' chòrr de Ghallaibh.
Càit' ann an Gallaibh a bheil Abhainn Fòrrs? Chan eil agam ach mapa le ainmean Beurla agus chan fhaca mi ainm sam bi coltach air (no bheil abhainn cho beag nach eil i air a' mhapa (1:500,000) idir? :chafhios: )
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Unread post by faoileag »

Seall ann an Wikipedia fo 'Fòrrs River' no 'Fòrrs Water'.

Abhainn faisg air Inbhir Theòrsa.
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Unread post by Thrissel »

Mòran taing, lorg mi i a-nis! 'S e Forss Water, ge-tà - air an làimh eile, dh'fhaodainn do Bridge of Forss a tha air a' mhapa agam a mhothachadh... :?
Post Reply