Page 4 of 5

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Thu Mar 15, 2012 1:28 am
by AlasdairBochd
riatach - wanton, illegitimate.
riatanach - indispensable, essential.
Tha riatach (coltach ri riotous ann am Beurla) am facal a bha mi ag iarraidh.

Mòran taing airson na ceartachaidhean eile ged-thà.
Tha mi caran cugallach airson cuid de na ginidich fhathast.

Air an darna thaobh, tha fion-dearg Astràilianach cho blasda, bhiodh sibh ga òl leis a h-uile rud. :priob:

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Thu Mar 15, 2012 5:43 am
by poor_mouse
AlasdairBochd wrote:Tha mi caran cugallach airson cuid de na ginidich fhathast.
Tha eagal orm gu bheil mise nas cugallaiche fhathast ... :(
I'm afraid that I am more uncertain yet...

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Sun Mar 25, 2012 3:37 pm
by GunChleoc
Na can rium nach eil e riatanach fìon a ghabhail le iasg Image :lol:
Don't tell me it's not obligatory to have wine with fish

Cò dhiubh no cò dheth, dh'ionnsaich mi facal ùr le seo! :D

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Mon Jun 25, 2012 7:19 pm
by MacGilleDhuibh
A-nochd, bidh mi a' gabhail dinnear leam-fhìn ( :( ! ) a chionn 's gu bheil a h-uile daoine eile a-muigh - tha mi a' smaoineachadh gu bheil mi a' deanamh pasta le cearc is pesto.

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Wed Jul 04, 2012 5:55 pm
by GunChleoc
Tha mi an dùil gun robh sin blasta!

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Tue Sep 18, 2012 5:54 am
by Neas Olc
Gu teicnigeach chan eil mi ag ithe càil, tha mi ag òl leann bho taigh grùide ionadail mus tèid mi thall thairis dhan Chuimrigh far nach eil leann Canadach ri fhaighinn.

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Tue Sep 18, 2012 7:18 am
by GunChleoc
Slàinte mhath!

Tha mise ag òl cupa cofaidh.

I am drinking a cup of coffee.

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Tue Sep 18, 2012 8:15 am
by poor_mouse
Tha mi fhìn ag ithe gruth (no slaman): is toigh leam e fìor mhath!
Agus bidh mi ag òl tì gu tric; 's ann cupa tì a tha mi ag òl an-dràsda.

I am eating curds: I like it very much!
And I do often drink tea; I am drinking now just a cup of tea.

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Tue Sep 18, 2012 9:21 am
by GunChleoc
'S e cupa tì... no: 's ann gu bheil mi ag òl...

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Tue Sep 18, 2012 2:45 pm
by poor_mouse
Mòran taing, a Ghunchleoc!
Dhìochuimhnich mi sin a-rithist!
Mar sin, 's e "is e" a dh'fheumas mi a' cleachdadh còmhla ri "cupa tì", agus 's ann gu tric a dhìochuimhnicheas mi sin! (A bheil sin ceart?)

Merci!
I forgot it again!
So, it's "is e" that I must use with "a cup of tea", and it's often that I forget this! (Is it correct?)

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Tue Sep 18, 2012 5:43 pm
by faoileag
Ma bhios an rud a bhios thu a' dèanamh anns an relative pronoun 'a' mar-thà, chan eil 'a' ron verbal noun, agus cha bhi sèimheachadh (lenition) ann nas motha.

an rud a dh'fheumas mi dèanamh.

'S e an aon rud a tbhios a' tachairt le 'Dè'.

Dè dh'fheumas mi dèanamh? What do I have to do?

Eisimpleir BBC Bitesize: Dè dh'fheumas mi dèanamh airson bann A fhaighinn?

Eisimpleir BBC Alba Air an rathad: dè an rud èibhinn a dh'fheumas iad dèanamh an t-seachdain seo...

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Tue Sep 18, 2012 6:32 pm
by Thrissel
poor_mouse wrote:'s e "is e" a dh'fheumas mi a' cleachdadh còmhla ri "cupa tì"
Chanainnsa a dh'fheumas mi cleachdadh, gun a', coltach ri feumaidh mi seinn seach feumaidh mi a' seinn.
No bhiodh sin a dh'fheumas mi a chleachdadh, coltach ri feumaidh mi òran a sheinn :?:

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Tue Sep 18, 2012 6:52 pm
by GunChleoc
An t-òran a dh'fheumas mi seinn
feumaidh mi òran a sheinn

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Wed Sep 19, 2012 6:47 am
by poor_mouse
Obh-obh!
Tapadh leibh, Fhaoleag, a Thrissel, a GhunChleoc!

Bu chòir dhomh cuimhneachadh gur e "is e" a dh'fheumas mi cleachdach còmhla ri "cupa tì"
ach 's ann gu tric a dhìochuimhnicheas mi sin!
-- a bheil sin ceart?

Re: Dà-chànanach: Dè tha thu ag ithe? / What are you eating?

Posted: Wed Sep 19, 2012 6:58 am
by GunChleoc
Tha :)