Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceannard airson na buidhne a stiùireadh agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig a chur an gnìomh. Tha sanasan a’ nochdadh ann am pàipearan naidheachd is eile agus tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn air làrach-lìn a’ Bhùird.
Tha dreuchd a’ Cheannaird air a bhith bàn bho Lùnastal 2008 agus am Bòrd a’ coimhead ri dòighean-obrach ùra agus a’ fastadh luchd-obrach ann an diofar dhreuchdan eile.
Tha an obair ga shanasachd aig tuarastal £64k gu £73k agus tha am Bòrd an dòchas neach fhastadh son na dreuchd cho luath sa ghabhas.
Thuirt Dòmhnall Màrtainn, Oifigeach Cunntachail a’ Bhùird: “Tha sgioba stiùiridh eadar-amail air a bhith a’ stiùireadh a’ Bhùird bho samhradh seo chaidh agus sinn a’ coimhead ri na structaran obrach agus an t-slighe air adhart. Tha sinn a-nis air na dreuchdan air fad a choileanadh agus tha an t-àm ceart airson a dhol a shireadh Ceannard ùr a ghluaiseas Bòrd na Gàidhlig air adhart chun ath ìre. Seo ’s dòcha an dreuchd as cudromaiche ann an saoghal na Gàidhlig, dreuchd a tha gu math dùbhlanach ach tarraingeach agus dha-rìribh sònraichte airson leasachaidh na Gàidhlig a lìbhrigeadh agus a stiùireadh. Tha sinn a’ sireadh Ceannard le sàr-sgilean conaltraidh, sgilean stiùiridh dearbhte; agus le comas cànan is cultar na Gàidhlig a riochdachadh aig iomadh ìre.”
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air: http://www.gaidhlig.org.uk/obraichean no bho Dhòmhnall Màrtainn, Oifigear Cunntachail a’ Bhùird air 07803 737 473 no air post-d aig: domhnallm@aol.com
’S e Dihaoine 23 Giblean 2010 an ceann-latha deireannach airson tagraidhean.
Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceannard
-
- Posts: 507
- Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
- Language Level: Gu math siubhalachd
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Alba
- Contact:
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceannard
Nach eil ceannard aca mar thà?
Re: Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceannard
Chan eil an ceangal gu h-àrd ag obrachadh. Bu choir dha a bhith:
http://www.gaidhlig.org.uk/obraichean.html
http://www.gaidhlig.org.uk/ambord/buill/buill.html
Tha e coltach gun thathar ag iarraidh 'Ceannard Mòr' maireannach airson a h-uile leasachadh ùr a stiùireadh. Cò aig a tha fios a bheil seo còmhla ri Arthur no às aonais. Bhithinnsa an dòchas gum biodh e còhmla ris.
http://www.gaidhlig.org.uk/obraichean.html
'S e Cathraiche a th' ann an Arthur, ball a' Bhùird e fhéin, saoilidh mi.Seonaidh wrote:Nach eil ceannard aca mar thà?
http://www.gaidhlig.org.uk/ambord/buill/buill.html
Tha e coltach gun thathar ag iarraidh 'Ceannard Mòr' maireannach airson a h-uile leasachadh ùr a stiùireadh. Cò aig a tha fios a bheil seo còmhla ri Arthur no às aonais. Bhithinnsa an dòchas gum biodh e còhmla ris.
-
- Rianaire
- Posts: 333
- Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
- Language Level: Fileanta
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Siorrachd Rinn Friù
- Contact:
Re: Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceannard
Chan eil, rinn iad agallamhan an-uiridh no mar sin ach cha deach cuideigin fhastadh. Tha sgioba 'eadar aimeil' air a bhith aca.Seonaidh wrote:Nach eil ceannard aca mar thà?