Rèile na h-Alba - tionndadh Ghàidhlig air na treanaichean

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Rèile na h-Alba - tionndadh Ghàidhlig air na treanaichean

Unread post by *Alasdair* »

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... eile.shtml
Tha a' chompanaidh thrèanaichean Scotrail gus Gàidhlig a chur air cliathaich nan trèanaichean aca air feadh na h-Alba.
'S e rud math a th' ann an seo tha mi creids =] Agus tha e gu bhith an aon mheudachd ris a' Bheurla cuideachd.
Mar phàirt den leasachadh thathas a' tuigsinn gun nochd ainmean nan stèiseanan ann am meadhan na h-Alba anns a' Ghàidhlig cho math ris a' Bheurla.

Bidh Scotrail cuideachd a' cur Gàidhlig anns a' chlàr-ama aca, agus ann an gnothaichean a bhios iad a' foillseachadh.
Agus tha seo math a chluinntinn. An-dràst' tha soighneachan Ghàidhlig ann aig feadhainn de na stèiseanan, ach tha gaps ann far nach eil ainmean Ghàidhlig a' nochdadh - gu h-àraidh air Rathad Iarainn na Gàidhealtachd.

Dè ur beachdan ma-tha? =]


Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Rèile na h-Alba - tionndadh Ghàidhlig air na treanaichea

Unread post by Seonaidh »

Alasdair Bheairtich - an e an fhìrinn a th' innte? Cha mhòr nach creid mi seo air sgàth 's gu bheil e cho faisg air 1 an Giblean...'s dòcha gum bi mi a' togal seo le "Scot-rail.co.uk", bòrd-bhrath dealasaich nan trèanaichean. "Seo Banca na Mna-uasail - bidh Baile Mhic Shìm an t-ath fhear."
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Rèile na h-Alba - tionndadh Ghàidhlig air na treanaichea

Unread post by GunChleoc »

Nam biodh a' Bheeb ri fealla-dhà, dhèanadh iad air an latha ceart, nach dèanadh?
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Re: Rèile na h-Alba - tionndadh Ghàidhlig air na treanaichea

Unread post by Neas Olc »

Foadaidh gu bheil e ann an timezone eadar-dhealaichte agus gun do tòisich am mios nas tràithe far an robh e. BBC Alba: Austràilia?
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Rèile na h-Alba - tionndadh Ghàidhlig air na treanaichea

Unread post by Seonaidh »

Nam biodh a' Bheeb ri fealla-dhà, dhèanadh iad air an latha ceart, nach dèanadh?
Sin a chreidinn. Ach cò aige tha fios?

Co-dhiù, chuir mi am fiosrachadh air bòrd-bhrath nan anorak agus, seach air làrach lìon a' Bhìb, cha robh fios aca air. Agus `'s àbhaist do manaidsearan àrda AlbRèile a bhith ann uaireannan.
*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Re: Rèile na h-Alba - tionndadh Ghàidhlig air na treanaichea

Unread post by *Alasdair* »

http://www.digitalspy.co.uk/forums/show ... ?t=1237667

Seo dhut beachdan daoine eile - 's e a mhòr-chiud dhaibh a tha an aghaidh rudan dà-chànanach.
Post Reply