Prògram air ùr nochdadh air BBC Alba

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
Tearlach61
Maor
Posts: 206
Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
Location: Juneau
Contact:

Prògram air ùr nochdadh air BBC Alba

Unread post by Tearlach61 »

Chunnaic mi prògram ùr air an làrach BBC Alba 's thug mi sùil air 's feumaidh mi ràdh gur fiach coimhead air a'phrògram-sa gun teagamh. 'S Aifric a th'air a'phrògram. Cha robh for neo fios agam mu dheidhinn ron a seo ach a chiad rud a thàinig a-steach orm 's e nach robh na bilean a'gluasad buileach leis na faclan. Tha mi ag ràdh buileach air sgàth, aig amannan gu robh. 'S chuir seo iongnadh orm. Oir sa chiad dol-a-mach, shaoil mi gur e Beurla an cànan tùsail a'phrògram. Ach nan robh, cha bhiodh na faclan 's gluasad nam bilean còmhla uair sam bith. Cò ma-tha an cànan tùsail a'phrògram? Uill, lean mi orm coimhead air a'phrògram le sùil gheur air fianais sam bith a dh'innseadh dad dhen t-seòrsa. Uill, air balla na sgoille, chunnaic mi mapa na h-Èirinn. Ha, thuirt mi rium fhìn, 's ann à Èirinn a tha am prògram seo. 'S cuideachd bha corra soidhnichean ann an Gàidhlig na h-Èirinn sgrìobhte orra.

Tha am prògram àlainn ann an iomadach dòigh. Tha e a'còrdadh ri mo nighean. Bith i ag iarraidh coimhead air a'phrògram uair is uair. Agus leis gur ann à Gàidhlig na h-Èirinn a tha am prògram bho thùs, chanain gu bheil Gàidhlig a'phrògraim nas nàdraiche na biodh e nan robh Beurla cànan tùsail a'phrògram. Cuideachd, tha iomadach suidhichean làitheal anns a'phrògram 's tha e toirt toil-inntinn domh a bhith faicinn Gàidhlig ga cleachdadh san dòigh seo (seach aithris mar a chìthear nas trice air an rèideo neo air an telebhisean)


Post Reply