Running errands

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Running errands

Unread post by An Gobaire »

Bha cuideigin ann roimhe air an fhòram ag iarraidh Gàidhlig air "running errands" sa Bheurla.
Someone previously was asking about the Gaelic for "running errands" in English.

Ged a bhios daoine ag ràdh "a' dèanamh nan gnothaichean" .....tha abairt eile ann cuideachd, 's dòcha nach eil cho cumanta an-diugh, ach air a bheil, ma dh'fhaoidte, seann daoine eòlach fhathast. (Ged nach eil fhios agam co-dhiù tha eòlas aig feadhainn air, gus nach eil)
Although people say "a' dèanamh nan gnothaichean" .....there is also another phrase, which perhaps is not so common today, but which some old people still might be aware of. (Although I don't know whether there are any who are familiar with it, or not)

Gheibhear ann an Dwelly e fo "uireas".
It can be found in Dwelly under "uireas".

Mar sin, dh'fhaodadh tu ràdh : "a' dol air tòir uireasan" - going for little family necessities - ach 's dòcha nach eil mòran ann a thuigeadh seo sa chiad dol a-mach leis mar a tha roinnean cleachdaidh is reimeannan na Gàidhlig air crìonadh.

So, you could say "a' dol air tòir uireasan" - going for little family necessities - but perhaps there aren't many who would understand this in the first instance due to the decline of environments in which Gaelic can be used, and its registers.


Dèan buil cheart de na fhuair thu!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Running errands

Unread post by akerbeltz »

Soilleir gu leòr, chanainn-sa, tha 'n dearbh fhreum ann 's a th' ann an uireasbhaidh.

Cha chuala mise "dèanamh nan gnothaichean" ach tha mi eòlach air "faighinn nan gnothaichean". Ach 's e 'n dearbh rud a th' ann.
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Running errands

Unread post by Níall Beag »

Glé inntinneach -- bha fear a' faighnich dé an Gàidhlig a th' air "going for the messages" aig a' chearcall comraidh.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Running errands

Unread post by An Gobaire »

akerbeltz wrote:
Cha chuala mise "dèanamh nan gnothaichean" ach tha mi eòlach air "faighinn nan gnothaichean". Ach 's e 'n dearbh rud a th' ann.
Seadh. Ach, nam biodh tu a' dol, can, a phàigheadh chunntasan, no gu appointment aig an dotair, agus a' ceannach stuth chan e a-mhàin gum biodh tu a' "faighinn" rudan, ach bhiodh tu "a' dèanamh" nan gnothaichean agad cuideachd.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Daenyth
Posts: 24
Joined: Thu Nov 19, 2009 3:30 pm
Language Level: Beginner
Location: Boston, MA, USA
Contact:

Re: Running errands

Unread post by Daenyth »

Tapadh leat!

I think I might have been the one asking about it, or at least remember seeing it mentioned.
I'm a beginner -- please correct me if I make a mistake!
Post Reply