Tobar an Dualchais / Kist o Riches làrach-lìn ùr suas

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Tobar an Dualchais / Kist o Riches làrach-lìn ùr suas

Unread post by faoileag »

Mi dheireadh thall, tha e ann:

http://www.tobarandualchais.co.uk/en/

Obair dìreach sgoinneil! :D

Brilliant result of a great deal of hard work - digitalised archives of oral recordings, Gaelic and Scots. Very accessible, having fun! Some jewels!


GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Tobar an Dualchais / Kist o Riches làrach-lìn ùr suas

Unread post by GunChleoc »

Tapadh leat!

Chuir mi ceangal air an làrach-lìn againn.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Tobar an Dualchais / Kist o Riches làrach-lìn ùr suas

Unread post by GunChleoc »

post-d wrote:Maoineachadh Tobar an Dualchais: Tuilleadh fiosrachaidh
Bha sinn air leth toilichte as t-samhradh tabhartas de £18,000 fhaighinn bho Oilthigh Obar Dheathain a dh’ionnsaigh ar n-obair bhunaiteach am-bliadhna. Tha Comhairle nan Eilean Siar cuideachd air £12,000 a ghealltainn airson leasachaidhean aig Ionad Didseatachaidh Uibhist. Bu mhath leinn taing a thoirt dhaibhsan agus don luchd-maoineachaidh air fad airson an taic.

Clàran Thiriodh
Tha an obair a’ gluasad air adhart gu math air na 195 teipichean o Thiriodh a bha fhathast ri chatalogadh bhon chruinneachadh aig Sgoil Eòlais na h-Alba. Thèid an obair seo a chrìochnachadh ro dheireadh na bliadhna. A bharrachd air a bhith a’ maoineachadh obair a’ chatalogaidh, tha An Iodhlann (Ionad Eachdraidh Thiriodh) air a bhith gar cuideachadh le bhith a’ lorg luchd-labhairt agus an teaghlaichean gus cead fhaighinn clàran fhoillseachadh air an eadar-lìon. Tha seo na chuideachadh mòr - agus ceud taing a-rithist!

Clàran na Mìosa
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/play/1558
Air a’ chlàr Albais seo, tha Mairead NicDiarmaid ag innse mu chleachdaidhean fogharaidh ann an siorrachd Pheairt nuair a bha i òg. Rugadh Mairead NicDiarmaid ann an Lubreoch, Gleann Lìomhainn agus b’ e tidsear a bh’ innte. Chaidh seo a chlàradh ann an 1964.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/play/56940
Seo Còisir Ghàidhlig Chàradail a’ seinn 'Latha Dhomh 's Mi a' Buain a' Choirce', òran mu bhoireannach a tha a’ gearradh a glùine ’s i a’ buain a’ choirce. Chaidh an clàr a dhèanamh aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an 1974.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/play/36043
Air a’ chlàr seo tha a’ Bhean-phòsta Chaimbeul à Taigh an Uillt a’ bruidhinn air a’ mhaighdean-bhuana, mar a bh’ aca air an sguab mu dheireadh a bhiodh iad a’ buain.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/play/88906
Seo an Dotair Pàdraig Shepheard a’ seinn 'The Band o Shearers', òrain gaoil anns a bheil an seinneadair ag iarraidh air a leannan a dhol a bhuain còmhla ris. Tha e ag ràdh rithe gum faod iad a bhith a’ suirghe fhad ’s a bhios iad ag obair.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/play/64275
Cluinnear an seo Ethel Findlater à Arcaibh a’ bruidhinn air na 'muckle suppers' a bhiodh aca aig deireadh an Fhoghair.

Rannsachadh Sgoile
Na bu tràithe air a’ bliadhna seo, fhuair Tobar an Dualchais maoineachadh bhon phròiseact Soillse (http://www.soillse.ac.uk) airson rannsachadh a dhèanamh air mar a bha làrach-lìn TAD ga cleachdadh ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean a bha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig. Anns an rannsachadh seo, a chaidh dhèanamh eadar Giblean agus Ogmhios 2010, bha sinn cuideachd a’ coimhead air feumalachdan a bharrachd a bh’ aig sgoiltean agus a’ gabhail a-steach bheachdan air dòighean air an làrach-lìn a leasachadh gus na feumalachdan sin a choileanadh. Chùm tidsearan cunntas air mar a chleachd iad an làrach airson leasanan a lìbhrigeadh ann an diofar chuspairean. Bha na tidsearan a ghabh pàirt uile a’ moladh na làraich agus nan clàran a fhuair iad oirre.

A-measg nam buannachdan do sgoilearan a chaidh a chomharrachadh bha an cothrom a bhith ag ionnsachadh bho eòlas pearsanta dhaoine eile; a bhith ag èisteachd ri dualchainntean bho dhiofar àiteachan agus a bhith a’ leudachadh an cuid cànain. Bha dùbhlanan ann do thidsearan, gu sònraichte ann a bhith a’ faighinn ùine airson clàran a lorg agus clàran fhaighinn a bha a-rèir comasan nan sgoilearan. Chaidh leasachaidhean a mholadh, nam measg pasganan sònraichte airson diofar chuspairean, àite air an làraich airson sgoiltean fa-leth agus stiùireadh air ìre cànain gach clàir.

Tobar an Dualchais air Làraich Ionnsachadh agus Teagasg Alba
Thathar air a bhith co-obrachadh le Ionnsachadh agus Teagasg Alba (a-nise na phàirt den bhuidheann ùr, Foghlam Alba) gus clàran a chomharrachadh airson dhà de na làraich a th’ aca airson sgoiltean. Air ‘Òrain na h-Alba’ faodaidh oileanaich ionnsachadh mu òrain is ceòl traidiseanta, cuspairean ann an ceòl Albannach agus ionnsramaidean-ciùil na h-Alba. Tha ‘Sgeulachdan na h-Alba’ a’ gabhail a-steach eisimpleirean bho dhiofar sheòrsaichean de sgeulachdan, nam measg sgeulachdan na Fèinne, uirsgeulan, sgeulachdan mu shìthichean agus ròlaistean.

http://www.ltscotland.org.uk/scotlandssongs/


http://www.ltscotland.org.uk/scotlandsstories/
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply