Bilingualism to save minority languages

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Re: Bilingualism to save minority languages

Unread post by Neas Olc »

chan eil Beurla Chanada ach dualchainnt ghorach de Bheurla nan Staitean, seòrsa Bheurla le cus fhacail air an toirt a Spàinnis... Ciamar a thathar ag ràdh sa Ghàidhlig "People in glass houses should not throw stones"?
LOOOOOLOLOLOLOL Tha sin a sealladh cho eolach's a tha thu air duilchainnt Chanada- ann am Beurla no Fraingis.

Bheil thu air Québécois fior a chluintinn idir? Am brithinnidh tu riutha gu tric? Chanainnse nach eil. S'e beart gu bheil e làn le fhaclan Beurla. Chan eil agad ri bhith cho aingeach no dìonadach mu dheidhinn. Saoilidh mi cuideachd gu bheil thu a smaoineachadh gur e PQhater a th'annam. Oh the irony, the irony...
Québécois:
Je veux magasiner la fin de semaine.

Francais Métropolitain:
Je veux faire le shopping le weekend.
Eisimpleir a gheibheas gu tric (mar stationnement/parking etc), ach chan sheall e an sgeul gu lèir.

'Sa chànain laighail, chi thu fad fad fad nas motha den bheurla, gu abhaisteach seantansan beurla eadar seantansan Fraingis, no le eadar-chur ann am Beurla ("hiarre chus allé au dzépannarre 'vec mes chums, c'était too awesome!". Uirean chi tu eadar-theangacadh litireil mar "ma aller prendre une marche" (lit. "I'm going to go take a walk") vs. "je vais me promener" no airson a'phoileas, "les cochs" (lit. "the pigs") vs. "les poules" ("the chickens") etc etc etc.


Tearlach61
Maor
Posts: 206
Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
Location: Juneau
Contact:

Re: Bilingualism to save minority languages

Unread post by Tearlach61 »

hiarre chus allé au dzépannarre 'vec mes chums, c'était too awesome!". "

Cluinnidh tu 'chums' gu math tric ann an cainnt nan Quebecois. Cha chuala mi riamh 'awesome' ge-ta. Chanainn-sa gur e seo cainnt nan òigridh th'ann. A'chlann-nighean a'feitheamh ris a'bhus.

Prendre une vs se promener. 'S e seo fear dhe na rudan a ghabhas ceartachadh sa sgoil. An cuimhne a th'agamsa san sgoil, bha iad gar sìor-cheartachach gun a bhith cus anglicismes a dheanamh, 's b'e seo fear diubh.

"les cochons" anglicism gu foiliseach ach fear a tha gu math stèidhte sa chainnt aca. Ach 'les poulets' , cha creid mi gur e seo anglicism a th'ann an seo idir.

Shaoilinn-sa gun gabh cus a dheanamh de dè cho pailt sa faclan 's abairtean beurla sa chainnt Quebecois. Tha e fìor gu bheil buaidh na Beurla innte 's aig amannan gun cluinn thu corra fhaclan beurla an sreath a chèile neo abairtean a tha stèidhte ann am Beurla. Ach chan eil e fìor gu bheil e mar seo fad an t-siubhail mar a dh'fhàgar a chreid on a thuirt thusa.

Cuimhnich gu bheil diofar ìrean ann anns gach cainnt. 'S ann air joual a tha thu a-mach. Tha tòrr daoine ann ann an Quebec 's chan eil an cainnt a th'aca cho eadar-dhealaichte bhon a th'aca anns an fhrainng. 'S dìreach gu bheil blas 's gnàthsan eadar-dhealaichte aca.


Agus cuimhnich cuideachd gu bheil iomairt air a bhith ann, cha creid mi nach do thòisich e sna seasgadan, far a bheil iad a'feuchainn ìre na fraingis a thogail ann an Quebec. Nuair a bha mise san àrd-sgoil, bha iad a'teagaisg dhuinn gun a bhith deanamh an leithid-sa de mhearachdan.
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Bilingualism to save minority languages

Unread post by Seonaidh »

Gu dearbh, a Neis Eliot (uill, Olc), chan eil mi eòlach air québecois idir. Ben cert sé qu'esta "podrida", mar a chanas tu, le Beurla, ach sin mar a tha i. Dè ma deidhinn? Reusan airson tàir a dhèanamh oirre? Nam bheachd-sa, chan e.

Ach tha puing nas leithne an seo. Ma thathar airson cànan a mharbhadh, 's e fanaid a tha aon de na prìomh bhuill-airm as urrainear a cleachdadh an aghaidh. Cò tric a tha sinn air argamaidean mar seo a chluinntinn an aghaidh na Gàidhlig?
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Bilingualism to save minority languages

Unread post by GunChleoc »

'S e rud a thachras ann an iomadach cànan gu bheil faclan na Beurla a' tighinn a-steach. Tha seo a' tachairt anns a' Ghearmailtis cuideachd ged nach eil Beurla fiù 's na cànan oifigeil san dùthaich againne no aig a mhòr chuis bho thùs. Tha buaidh eaconomach mhòr air a' Bheurla, mar a bha e aig an Làidinn roimhe.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply