Pròiseactan mar Google in Your Language, an Uicipeid, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble is dearbhadairean / Projects like Google in Your Language, Wikipedia, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble and spell checkers
Ach...chan urrainn dhomhsa Foxfire ann an Beurla 's ann an Gàidhlig le chéile ruith air an aon coimpiutar. 'S bochd sin! Cleachdaidh triùir an coimpiutar seo, ach 's ann aig dìreach fear dhen triùir a tha Gàidhlig sam bith--mise.
Feumaidh mi cairt wi-fi fhaighinn airson an laptop agam!
Last edited by Ceid on Thu Sep 09, 2010 10:21 pm, edited 1 time in total.
'S ann dà-chànanachd a tha Firefox air an coimpiutar agam a-nise! Seall air seo:
Bha agam ri cuir Firefox ann an Beurla air ais air an coimpiutar agam as deidh fheuch mi a-mach Firefox ann an Gàidhlig a-bhòin-dé, ach tha beagan pàirtean ann anns a' Ghàidhlig fhathast coltach ris an clàr-taice nan comharra-lìn! Co-dhiù neo co-dheth, tha mi 'n dòchas gum bidh coma leis an dithis eile a cleachdadh an coimpiutar seo cuideachd. Chan eil mi ag iarraidh Firefox a chuir dheth gu léir 's a chuir air ùr a-rithist.
Tachraidh sin, tha faidhle ann far a bheil na comharraidhean-lìn agad is rudan mar sin agus tha buaidh aige air cuid dhen eadar-aghaidh :/
Tha fuasgladh ann, ged nach eil e foirfichte. Ma tha thu ag iarraidh an dà rud, is urrainn dhut am pre-release a chleachdadh fhathast, rud air a bheil Namoroka. Chan eil diofar mór eadar an dà rud ach leis a-sin, 's urrainn dhut Firefox agus Namoroka a chumail air an aon choimpiutaire. Gheibh thu e aig: http://ftp.mozilla.org/pub/mozilla.org/ ... .9.2-l10n/
Tagh is cuir ri Firefox an "Language Pack" is an "Dictionary" airson gach cànain a thogras tu. Bidh e nas fhasa ma dh'fhosglas tu gach ceangal ann an taba ùr le briogadh deas na luchaige.
Cleachd an clàr-taice san oisean deas aig a' bharr gus na Tuilleadain inntrigeadh.
Lorg airson "locale switcher".
Stàlaich "Locale Switcher 3" agus tòisich Firefox às ùr.
Choose and add to Firefox the "Language Pack" and "Dictionary" for each language you want. It will be easier if you open each link in a new tab using a right-click.
use the menu on the top right to access the Add-Ons.
Search for "locale switcher".
Install "Locale Switcher 3" and restart Firefox.
Nuair a bhios seo dèanta agaibh, 's urrainn duibh an cànan a chleachdas sibh gus an litreachadh a dhearbhach a thaghadh cuideachd le briogadh deas san raon far a bheil sibh a' sgrìobhadh.
Once you have done this, you can also pick the language that you wish to use for spell checking by right-clicking on the field where you are writing.