Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator ùr

Càil sam bith eile / Anything else
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator ùr

Unread post by Gràisg »

A Chàirdean,

Mhothaich mi gu bi bloglines.com a’ bhith dùnadh air a’ chiad latha den ath-mhìos. Saoilidh mi gum bi feadhainn dhiubh eòlach air an aggregator a tha sin. S’ann air an làrach ud a chruthaich mi ‘An Liosta’
http://www.bloglines.com/public/Liosta/
Chuir Akerbeltz coir ceangal air firefox Gàidhlig don àite ud mar shealladh air a’ choimhearsnachd a th’againn. Mar a thuirt an gaisgeach againn:

Seadh, carson nach biodh blogaichean Gàidhlig ann? Guthan Gàidhlig o cheithir ceàrnan an t-saoghail agus chan eil a dhìth ach do chom-pàirteachas fhèin.


Ag innse na firinn chan ann gu tric a tha daoine a sgriobhadh air na blogaichean sna laithean seo an taca ri ciamar a bha e san t-seann aimsir ach tha blogaichean ùra fhathast a’ nochdadh. ‘S e deagh choltas a tha ri fhaighinn air bloglines dìreach mar a tha e ann an Google Reader ach gu ruige seo saoilidh mi nach eil dòigh ann gus an Google Readar agad a dhèanamh fosgailte dhan t-saoghal.

Tha fhathast TirnamBlog.com ri fhaicinn ach tha trioblaid mòr, mòr leis a’ bhathar bog agus chan fhaigh dad an àirde air an làrach ud a-nis ach am biadh RSS a tha tighinn às Abair Thusa. ‘S bodchd sin gu dearbh, chaidh TnamB a chur air dòigh gus a bhith sealltainn sgrìobhaidh sam bith a bha a’ nochdadh air na blogaichean sa chiad dol a-mach ach cuideachd stuth eile a bha freagarrach. Seadh tha cùisean air gluasad air adhart agus the mòran a’ sgrìobhadh an cuid Gàidhlig air Facebook no fiù’s twitter ach a bheil fhathast feum oirnn air a leithid aggregator An Liosta no Tìr nam Blog?

Am b’fhiach e aggregator eile a chur air dòigh? A bheil an t-eolas aig daoine sam bith ann a sheo? Bhithinnsa deònach bideag beag airgid a chur dhan ghnothaich. Dè ur bheachdan a chàirdean? Seo duilleag far am faigh sibh fiosraichead mu dheidhinn a leithid.
http://3dwebdesign.org/rss-feed-aggrega ... rison.html

Bloglines closing down, Tìr nam Blog with a major software problem. Do we need a new aggregator to show the world all the new posts that appear on the Gaelic blogs around the world?
What do you think? Can you help? Have you skills in this direction?
Sorry no full tr*nsl*t**n, try the links above to get the idea a bit more.


akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator

Unread post by akerbeltz »

Saoilidh mi gum biodh e cudromach fhathast ach chan eil sgilean d' a leithid agam ann an coimpiutaireachd. Mar a chì mise chùis, tha trì roghainnean againn:

- liosta simplidh
- aggregator aig cuideigin eile
- aggregator againn fhìn

Mas e òstaireachd an duilgheadas, uel, tha àrainnean gu leòr agam-sa agus bhithinn toilichte a chur air aonan dhiubh. No 's dòcha Caoimhín aig SMO?
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator

Unread post by akerbeltz »

Moladh o Rhoda chòir, thuirt i gum bu chòir dhuinn sùil a thoirt air:
http://www.netvibes.com/
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator

Unread post by Gràisg »

Chaidh mi ann agus thog mi a h-uile RSS a-mach a bloglines mar a mhìnich iad ann an cruth OPML. Chuir mi am faidhle ud a-steach netvibes. Thàinig a h-uile fear aca a-steach mar widget fhèin. Bidh agam an uair sin a h-uile biadh RSS a chuir dhan duilleag phoblach agam. Rinn mi sinn le ceithir gus an coltas fhaicinn. Agus seo e gu ruige seo.
http://www.netvibes.com/blogaichean#General
Feumaidh mi aideachadh chan eil e cho math ri bloglines dhomhsa. 'S dòcha gum bi dòigh eile ga dhèanamh am broinn a' ghoireis ge-tà.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator

Unread post by GunChleoc »

A bheil an neach a tha a' dèanamh TìrnamBlog deònach fhathast dad a dhèanamh? Is dòcha gu bheil e trang agus feum aige air taic le ùrachadh.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator

Unread post by Seonaidh »

Dìreach aon rud: dè tha "aggregator" a' ciallachadh? A rèir Bòid Robasdan, tha "aggregate" a' ciallachadh "iomlan" no "cuir còmhla" ach chan eil "aggregator" ann. Cuideigin a ni iomlan? Cudeigin a chuireas rudan còmhla? Ach saoilidh mi gum bi ciallachadh sònraichte an raon coimpiutaireachd: dè sin?
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator

Unread post by Gràisg »

Madainn mhath Sheonaidh, saoilidh mi gum bi freagairt agad bho Akerbeltz còir ma tha thu a' lorg facal Gàidhlig a charaid.

A-nis rudeigin eile, tha Sage ri fhaighinn mar 'add-on' (facal?) do Firefox.
http://sagerss.com/
'S e aggregator a th'ann ach 's e rud pearsanta airson do bhrowser fhèin ach aon uair's gu bheil e ann faodaidh tu an stuth miorbhailach ùr, faidhle OPML, a thoirt a steach agus bidh liosta de bhlogaichean agad. Tha e caran toinnte sin a dhèanamh ge-tà agus cha dèanadh mòran e nam bheachdsa. 'S ann mar sin a tha bloglines cho feumail, duilleag air loidhne far am faigh thu liosta de blogaichean agus s' urrainn dhut a choimhead aig a h-uile fear aca gun uinneag eile 'fhosgladh. Tha clotas bloglines air sage ach chan eil e air loidhne
GC chuir mi teachdaireachd thugad a charaid.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator

Unread post by GunChleoc »

'S e seòrsa cuineachadair a th' anns an aggregator. An dearbh rud a nì Tìr nam Blog - a' cruinneachadh RSS feeds agus a chur ri chèile ann an duilleag no pìos bathar-bog.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator

Unread post by akerbeltz »

add-on: tuilleadan, iol. tuilleadain
aggregator: dè mu dhèidhinn treudaiche?
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator

Unread post by akerbeltz »

Ok feumaidh mi freagairt. Uel... 's dòcha gu bheil sin ro làidir ach tha Mozilla ag ràdh gum feum sinn Bloglines a thoirt air falbh gu math luath. An dèan na rinn Gràisg a' chùis dhuinn no bheil sinn ag iarraidh rud eile no bheil sinn coma co-dhiù?

Bhuail rudeigin orm, saoil an gach daoine a bhios twitterigeadh sa Ghàidhlig a chur ris an liosta cuideachd?
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator

Unread post by GunChleoc »

Chluich mi le cuisean a fhuair mi air loidhne, ach cha soirbhich e leam gun phogramachadh a bharrachd. Cha robh mi aig an taigh an seachdain seo is chan eil fios aga dè cho luath a b' urrainn dhomh rudeigin ùr a chur air dòigh.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator

Unread post by akerbeltz »

Lorg mi rud air a bheil coltas gun dèan e na tha dhìth oirnn: http://www.phprssreader.com/

Dh'fheuch mi r' a stàladh ach chuir e ceistean orm nach do thuig mi a thaobh mysql, databases is rudan mar sin. GunChleoc, tha thusa nas eòlaiche air rudan d' leithid, an cuir thu fòn thugam nuair a bhios mionaid agad? A-rèir coltais, treudaichidh seo an dà chuid inbhirean bhlogaichean agus inbhirean twitter, bhiodh sin snog san aon àite.

Ma dh'obraicheas sin, tha àite gu leòr air an òstair agam, 's urrainn dhuinn àrainn a cheannach agus a chur ann. http://www.togblog.net no rudeigin mar sin? 8-)
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator

Unread post by akerbeltz »

Ok, tha GunChleoc a' gabhail a cuid dìnnearach agus 's airidh i air! Rinn ise 's mi fhìn oidhirp mhòr eadar meadhan na seachdain 's an-diugh agus ged a thèid bloglines à bith, bidh treudaiche (aggregator) nam blogaichean Gàidhlig ann fhathast. Tha cruth beagan eadar-dhealaichte air ach tha rud no dhà ann a tha ùr 's math:
*tha Gàidhlig air an eadar-aghaidh a-nis
*chithear ciad loidhne nam postaichean as ùire o thùs
*gabhaidh inbhirean Twitter a chur ris cuideachd.

Chan eil sinn buileach cinnteach a thaobh nan inbhirean Twitter fhathast, air eagal 's gum mùch iad gach rud eile. Cha do chuir sinn ris ach dà inbhir o Twitter gu ruige seo agus chì sinn na thachras. Tha treudaiche nan inbhirean Gàidhlig ann air Twitter mu thràth (http://twitter.com/GaelicTweets)

Gheibh sibh an làrach ùr aig: http://www.togblog.org

Innsibh dhuinn dè 'r beachdan air!
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator

Unread post by faoileag »

Obair math a rinn sibh! :D

:moladh:
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator

Unread post by Gràisg »

'S math a rinn sibh agus chaidh a h-uile cail air a theadar-theangachadh gu sgiobalta.
Post Reply