Page 1 of 1

Ag ionnsachadh fhacal ùra

Posted: Fri Oct 08, 2010 9:16 am
by dughlas
Ma tha sibh airson ur cuid fhacal Gàidhlig mheudachadh, chì sibh gu bheil am program 'Voca' gu math feumail. Tha e ri fhaotainn an asgaidh aig http://www.oriente-voca.eu/.
Rinn mi fiadhle, 'litfac' mar ainm, le faclan às an sreath, 'Litir do Luchd Ionnsachaidh', agus tha i ri fhaotainn
cuideachd aig an aon larach-lìn.
`S urrainn dhuibh grunn fhacal a thaghadh agus, nuairsin, cuiridh Voca na faclan thugaibh, fear seach fear ann an ordugh tuairmeasach. Nan dèanadh sibh mearachd, gabhaidh Voca an aon fhacal a-rithisd dhuibh gus am faigh sibh ceart e!

Re: Ag ionnsachadh fhacal ùra

Posted: Fri Oct 08, 2010 4:58 pm
by Caise
Chan eil airson "Mac OS-X"?

Re: Ag ionnsachadh fhacal ùra

Posted: Sat Oct 09, 2010 4:38 pm
by dughlas
Tha mi duilich, a' Chaise, chan eil mi eolach idir air 'Mac' - carson nach cuir sibh a' cheist don ùghdar air 'Voca'? Chì sibh a sheòladh air an làrach-lìn. D.

Re: Ag ionnsachadh fhacal ùra

Posted: Sat Oct 09, 2010 6:32 pm
by Níall Beag
"Requires .NET Framework 3.5."

Cha bhi e air Mac no Linux. 'S e rud Microsoft a th' ann an .NET...

Re: Ag ionnsachadh fhacal ùra

Posted: Sun Oct 10, 2010 3:43 pm
by Ceid
Tha cruth Linux ann, ach gu mì-fhortanach, chan eil a h-uile rud aige a bheil aig an cruth Windows. :? Tha an cruth Windows nas làine.