Opera 11 sa Gàidhlig!

Pròiseactan mar Google in Your Language, an Uicipeid, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble is dearbhadairean / Projects like Google in Your Language, Wikipedia, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble and spell checkers
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Opera 11 sa Gàidhlig!

Unread post by akerbeltz »

Nollaig chridheil a chàirdean - an turas mu dheireadh le tiodhlag am bliadhna-sa ge-tà ;)

Tha Opera 11 ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis agus a-rithist (bha tionndadh Gàidhlig dheth ann gu Opera 5.x). Feumaidh sibh na leanas a dhèanamh:
1) Stàlaich Opera 11 (Beurla)
2) Rachaibh gu http://www.opera.com/download/languagefiles/ 's faighibh am faidhle ouw1100_gd.lng aig Scottish Gaelic > 11.0
3) Sàbhailibh am faidhle. Tha misa 'ga chur ann an Program Files > Opera > locale (far a bheil faidhle na Beurla cuideachd)
4) Tha Installation Instructions air http://www.opera.com/download/languagefiles/ ach tha diofar beag eatarra 's Opera 11, seo dhuibh mìneachadh ùr ma-thà:
5) Briogaibh air Menu > Settings > Preferences > Details > User Interface Language > Select > taghaibh am faidhle ouw1100_gd.lng far an do dh'fhàg sibh e
6) Briogaibh OK.
7) Cha-chinnngggg .... Gàidhlig

Agus gabhaibh mo leisgeul - tha rudan beaga cearr leis an spacing ann an cuid a dh'àitichean agus mearachdan beaga leis a' Ghàidhlig an-siud 's an-seo. 'S e fìor Mharathon a bh' ann agus cha d' fhuair mi cothrom ceartachaidh idir an turas seo ach bheir mi m' fhacal dhuibh gun cuir mi ceart iad!

Gabhaibh tlachd ann!


Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Opera 11 sa Gàidhlig!

Unread post by Gràisg »

Sin thu fhèin Akerbeltz! :moladh:
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Opera 11 sa Gàidhlig!

Unread post by Thrissel »

'S math a rinn thu! A' chiad bhathar-bhog sa Ghàidhlig a thòisich mi air cleachdadh... :obair:

Mhothaich mi dha aon typo beag: ann an clàr-iùil a' bhriogaidh dheis: Gearr - Dèan lethbreac - Cuir annn - Sguab às
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Opera 11 sa Gàidhlig!

Unread post by akerbeltz »

Mo chreach, ceud taing, chuir mi ceart sin 's nochdaidh e aig an ath-ùrachadh! Agus tha mi toilichte chluinntinn gu bheil Gàidhlig aig do choimpiutair a-nis, Thrissel :)
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Opera 11 sa Gàidhlig!

Unread post by Thrissel »

Aidh, chan e duine as luaithe a th' annamsa, nas coltaiche ri 'gu slaodach ach gu cinnteach'... :priob:
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Opera 11 sa Gàidhlig!

Unread post by akerbeltz »

tha fhios, "cha bhi luathas agus grinneas an cuideachd a chèile" ach b' fheudar dhomh cabhag a dhèanamh an turas seo :curam:
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Opera 11 sa Gàidhlig!

Unread post by Thrissel »

O mo chreach (air neo mea culpa), cha do bhuail e mo cheann gum faodar am mìneachadh sin a bhith aig na thuirt mi. I was referring to my taking so long before venturing to switch at least one of my applications from Beurla gu Gàidhlig (tha mi a' cleachdadh Fx is TB cuideachd)... :)
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Opera 11 sa Gàidhlig!

Unread post by akerbeltz »

A chàirdean,

Ok, tha an tionndadh mu dheireadh de dh'Opera a-muigh (11.10) - mu dheireadh thall. Chaidh ar dìochuimhneachadh le luchd TF an turas mu dheireadh ach tha sinn ann gu buan a-nis. Uel, fhad 's a mhaireas mise beò co-dhiù. Tha sinn cuideachd ann mar "desktop language" a-nis. 'S ciall dha sin gun dig gach tionndadh de dh'Opera le Gàidhlig 'na bhroinn (an cois nan cànan eile).

Ma bha Opera ann an Gàidhlig agaibh roimhe, bha e car toinnte, sparragach Gàidhlig a chur air ach tha sin fada fada nas fhasa nis. Cuideachd, ma bha e agaibh roimhe, 's mathaid gu bheil sibh air grunn abairtean Beurla fhaicinn am measg na Gàidhlig:

Image

'S e an seann-fhaidhle as coireach às. Feumaidh sibh na leanas a dhèanamh gus an tionndadh as ùire a chur ann:

Rachaibh gu An clàr-taice > Roghainnean > Roghainnean

Fon taba Coitcheann, chì sibh putan air a bheil Mion-fhiosrachadh

Image

Briogaibh air Mion-fhiosrachadh. Chì sibh seann-slighe an fhaidhle chànain an uairsin.

Image

Briogaibh air Tagh. Chì sibh na faidhlichean cànain uile a gheibhear an cois Opera an uairsin:

Image

Tha Gàidhlig fo gd. Briogaibh air agus an uairsin air an gd.lang:

Image

Briogaibh air Open agus Ceart ma-thà (iomadh turas) an uairsin agus bidh Gàidhlig air feadh Opera an uairsin. An dòchas gun gabh sibh tlachd ann!
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Opera 11 sa Gàidhlig!

Unread post by Thrissel »

Sgoinneil! Mas math mo chuimhne, seo a' chiad ùine a tha mi air rudeigin mar seo a dhèanamh agus sin ag obair sa bhad, gun mhearachd sam bith agam 's a dh'fheumainn a cheartachadh! :)
Post Reply