"A Charaid Chòir,
Ged a tha dorsan CNSA/TAIC air an dùnadh, faodaidh sibh a bhith cinnteach gu bheil sinn fhathast a’ coimhead air adhart ri modhannan ùra airson ar cànan ‘s ar dualchas àrdachadh. Cumaidh sinn suas an strì on a tha sinn dòchasach, deiseil agus deònach! Ar sgàth sinn, cha bhi e fada ach am bruidhinn sinn a-rithist.
An-dràsta ge-tà, bu chaomh leam taing mhòr a chur dhuibhse a sheas an-àrd nuair a bha feum ann – ‘ s e àm na h-èiginn a dhearbhas càirdean!
Le dòchas,
Fionnlagh M. Macleòid
Alasdair B. MacMhaoirn"