Page 1 of 1

Ràdh 33 - Cha do bhris modh ceann duine riamh

Posted: Mon Apr 25, 2011 2:39 pm
by An Gobaire
Cha do bhrist modh ceann duine riamh.

'S e seo ràdh a tha a' moladh giùlan suairc.

Tha e ga mholadh le bhith a' sònrachadh cho furasta 's a tha e a bhith modhail 's nach dèan e cron air duine seach duine.

Deagh chomhairle san latha a th' ann far a bheil tòrr dhaoine a' leigeil seachad modh is suairceas, is iad ri dol-às mì-shòisealta.

Beurla: It never hurts to be polite.