Ceist agam oirbh, tha mi a' cur crìoch air na h-earainn air sèimheachadh agus casg air sèimheachadh agus tha mi a' cur liost nam faclan ann nach déid a shèimheachadh gu bràth. Seo na th' agam:
*na riochdairean seilbheach: mo, do (ro Mo mhàthair...)
*faclan sònraichte: glé (glé GLé...), gach (do Gach duine...)
*na riochdairean-comharrachaidh: seo, sin, siud (bho Seo a-mach...)
Saoilidh mi nach eil móran dhiubh ann ach bha mi dìreach dol a dh'fhaighneachd dhiubh saoil an dàna sibhs' air gin eile dhiubh? Bu toil leam liost a chur ann a tha cho iomlan 's a ghabhas.
Faclan le casg air sèimheachadh
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Faclan le casg air sèimheachadh
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Re: Faclan le casg air sèimheachadh
*na riochdairean-comharrachaidh: seo, sin, siud (bho Seo a-mach...)
Thathas a' sèimheachadh na riochdairean-comharrachaidh ann an cuid de dhualchainntean.
Mar eisimpleir, 's iomadh Uibhisteach a chuala mi, is i/e ag ràdh "a-shineag", no "ann a-shin/ann a-sheo".
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Faclan le casg air sèimheachadh
Aidh tha sin ceart, tha mi eòlach air faclan mar ana-shiud/ana-shineadh ach sin an caochladh dhe na bha mi a' lorg