Tha sinn a' cleachdadh “tionndadh ciallach” de GOC. ’S ciall dha sin gun dèan sinn na leanas:
st anns a h-uile àite
- tha sinn a’ cleachdadh é/è agus ó/ò agus á (ach dìreach air á agus ás, chan ann air *Mórág)
- tha sinn a’ cur stràcan air litrichean móra: Dùn Éideann, Ìle...
- tha sinn a’ cleachdadh d anns na gnìomhairean mì-riaghailteach: déid, deach...
- tha sinn a’ cleachdadh a’ chromag ann an ’gam, ’gad... agus ’nam, ’nad...
- tha sinn a’ cleachdadh str ann am faclan iasaid ach sr ann am faclan dùthchasach, m.e. stràc, stràbh... ach sròn, srann...
- tha sinn a' cleachdadh na gleusan tradaiseanta gus gluasad beum a nochdadh (litrichean móra, tàthain): DiLuain, Dùn Éideann, MacGilleEathain...
- chan eil sinn a’ cleachdadh faclan fuadain mar rim, rid...
- chan eil sinn a’ cleachdadh u ann an lide gun bheum: doras (seach *dorus)...
- chan eil sinn a’ cleachdadh stràcan air fuaimreagan a tha fada air sgàth nan consan ’nan déidh: cill, corr, gearr...
- chan eil sinn a' cleachdadh tàthan ás déidh seann, droch, deagh, fìor
- cuir sùil ghoirid air gach foirm mas e ainmear a tha thu a’ cruthachadh
- na gin faclan le tàthan eatarra (chan eil sin ag obair aig an àm seo), m.e. dreathan-donn, taigh-tasgaidh.
- ma tha thu airson an gintinn, ’s urrainn dhut sin a dhèanamh ach bidh agad torr dhiubh a chur ceart a làimh oir bidh an gineadair a’ cleachdadh am facal deireannach airson a chruthachadh aig an àm seo.
Tha sinn a’ cleachdadh grunn ghiorrachaidhean sa bhogsa Grammar:
- <i>gin.</> (an tuiseal ginideach)
- <i>iol.</i> (an t-iolra)
- <i>gin. ? iol.</i> (ma tha an tuiseal ginideach is an t-iolra co-ionnan m.e. fitheach » fithich, fithich)
- <i>ag.</i> (an t-ainmear gnìomhaireach)
- <i>coi.</i> (an cruth coimeasgach de bhuadhair)
Na cuir a-steach ach a fiosrachadh as cudromaiche sa bhogsa Grammar:
- an tuiseal ginideach is an t-iolra airson ainmearan
- an t-ainmear gnìomhaireach airson gnìomhairean
- foirmean mì-riaghailteach de bhuadhairean m.e. deirge, miosa...
- cum na foirmean cho goirid ’s a ghabhas ach cuideachd cho ciallach ’s a ghabhas. ’S ciall dha sin gum bu chòir dhut sealltainn dé an litir mu dheireadh nach deach atharrachadh mur eil sin soilleir, m.e. fitheach » <i>gin. ? iol.</i> -thich (chan ann dìreach -ich oir faodaidh seo an luchd-ionnsachadh a chur tro chéile a thaobh fitheaich no fithich)
- Ma tha taghadh ann agus mur eil diofar sam bith ann am fuaimneachadh, gabhaidh sinn ris na cruthan a tha nas giorra. Chan eil diofar sam bith eadar acfhuinn ~ acfhainn ~ acainn > théid acainn a chleachdadh
- Mur eil e soilleir dé an cruth as cumanta (m.e. àitichean ~ àitean), cleachdaidh sinn Google Search airson faighinn a-mach dé an cruth a thathar a' cleachdadh nas trice air an lìon agus cleachdaidh sinn am foirm sin san Fhiosrachadh Ghoirid. Ge-tà, seallaidh sinn gach cruth san Fhiosrachadh Iomlan.
- Ma tha dà ghnè ri facal, cleachdaidh sinn a' ghnè a tha a-réir na riaghailt caol ~ leathann, m.e. buidheann > leathann > fireann.
- Ma tha taghadh ann agus mur eil diofar sam bith ann am fuaimneachadh, gabhaidh sinn ris na foirmean a tha nas giorra. Chan eil diofar sam bith eadar acfhuinn~acfhainn~acainn >>> acainn a' buannachadh
- A thaobh fhaclan leis an iar-leasachan -ta no -te, seallaidh am Faclair am fear a tha a' leantainn an riaghailte caol ri caol as fhearr ach leigidh e a-steach na cruthan eile san raon GK cuideachd m.e. ma dh'fhaoidte ('ga shealltainn); GK: ma dh'fhaoidte, ma dh'fhaodte.
- Ma tha ainmean Gàidhlig a' nochdadh san aon chruth ach le grunn ainmean Beurla, cha bhi ann ach an aon chlàr:
Gaelic: Achadh a' Chàirn
English Keywords: Auchencairn
English: 1 Auchencairn (S Ayrs) 2 Auchencairn (C Glas)
Gaelic: Am Baile Siar
English Keywords: Balshare, Baleshare, Bail Sheer
English: 1 Balshare (W Isls) 2 Baleshare (Highld) 3 Bail Sheer (Highld) - Ma bhios diofar ainmean Gàidhlig ann, cleachd barrachd air aon chlàr (agus fàg às an geodata ma thachras sin):
Gaelic: Bealach
English Keywords: Balloch
English: Balloch (W Dumb)
Gaelic: Baile an Locha
English Keywords: Balloch
English: Balloch (Highld) - Cuir ainm na comhairle (sa chruth ghoirid) air cùlaibh gach ainm Beurla; nì sin a' chùis mar is trice cus diofar a dhèanamh eadar àitichean air a bheil an dearbh ainm ach mur eil, cleachd do thoinisg
- Seo liosta nan comhairlean:
Aber C
Abers
Angus
Ag&B
Border
C Edin
C Glas
Clacks
D&G
Dund C
E Ayrs
E Duns
E Loth
E Rens
Falk
Fife
Highld
Inver
Mdloth
Moray
N Ayrs
N Lans
Ork
P&K
Rens
Shet
S Ayrs
S Lans
Stirlg
W Isls
W Duns
W Loth
- Bidh faiceallach leis na stràcan ann an Renton/MacDonald, tha iad cearr uaireannan m.e. dion (seach dìon). Mar is trice, chì thu faclan ann an Dwelly leis na stràcan ceart agus lean Dwelly a thaobh sin.
- Ma thachras tu air dà fhacal leis an dearbh chiall ag le diofar san sgrìobhadh, fàg aig taobh am facal is cuir post-dealain thugam, m.e. airgead ~ airgiod
- San raon EK (English Keywords), cleachdar na trì diofar cruthan aig ainmearan fillte ma tha imcheist, m.e. lawn-mower, lawn mower, lawnmower agus cleachdar an tionndadh as cumanta san raon CEE (Concise English Entry)
- Airson àite a shàbhaladh, gabhaidh abairtean a ghiorrachadh le / ma cheadaicheas an abairt (m.e. sweep/brush the floor) ach feumar an dà abairt shlàn san raon EK (m.e. sweep the floor, brush the floor)
- A thaobh BE (British English)/AE (American English), cuirear an dà chruth ri EK ach dìreach BE san CEE