Tha an ro-ràdh (air eadar-theangachadh le Fearghas MacFhionnlaigh), còmhla ri ceanglaichean dha na mapaichean agus dha trì liostaichean trì-chànanach de na stèiseanan air an fhoilseachadh air NewsnetScotland:Dh'ionnsaich mi le iongantas nach eil a leithid a' mhapa ri fhaighinn sa Bheurla fhèin, gun luaidh air a' Ghàidhlig no a' Ghalldais. Gheibhear mapaichean prìomh-loidhneach, mapaichean sgìre-loidhneach agus mapaichean fo-bhailteach, ach chan fhaighear aon mhapa singilte sgeamàtach a sheallas a h-uile loidhne-rèile agus stèisein san dùthaich.
http://newsnetscotland.com/index.php/ar ... nnach.html
Agus 's dòcha gum faic sinn mapaichean rathaidean coltach ri sin a dh'aithghearr:
Tha mi air a bhith an sàs gu mòr ann am mapaichean na làithean-sa. A bharrachd air na mapaichean-rèile seo tha mi gu bhith deiseil le mapa mòr rathaidean na h-Alba. Tha tuilleadh 's 1800 ainm air a' mhapa tha seo agus rinn mi dà thionndadh dheth, fear sa Ghàidhlig agus fear sa Bheurla Ghallda. Tha dòchas againn na mapaichean seo fhoillseachadh air Newsnet ann an ùine gun a bhith fada. Tha dòchas againn cuideachd gum bi lethbhric chlò-bhuailte ann.