Page 1 of 1

Madainn Chofaidh ann an Inbhir Nis

Posted: Thu Sep 29, 2011 1:21 pm
by Gràisg

Re: Madainn Chofaidh Inbhir Nis 8/10/11

Posted: Fri Oct 07, 2011 12:51 pm
by GunChleoc
An tèid thu ann? Innis dhuinn ciamar a bha e :D

Re: Madainn Chofaidh Inbhir Nis 8/10/11

Posted: Fri Oct 07, 2011 5:48 pm
by Gràisg
Cha tèid bidh mise ag obair Disathairne. :gulach: Tha mi an dòchas gum bi mòran ann ge-tà.

Re: Madainn Chofaidh Inbhir Nis 8/10/11

Posted: Fri Oct 07, 2011 6:13 pm
by GunChleoc
Is truagh sin

Re: Madainn Chofaidh Inbhir Nis 8/10/11

Posted: Mon Oct 10, 2011 8:00 am
by Gràisg
Chuala mi gur e tachartas glè thrang a bh' ann le mòran den fheadhainn amharasach àbhaisteach (usual suspects) an làthair cuideachd.

Re: Madainn Chofaidh Inbhir Nis 8/10/11

Posted: Mon Oct 10, 2011 9:26 am
by GunChleoc
Glè mhath gun do shoirbhich e leotha

Re: Madainn Chofaidh Inbhir Nis 8/10/11

Posted: Tue Oct 11, 2011 8:31 am
by Gràisg
Opps, den fheadhainn amharasach àbhaisteach (usual suspects) nach bu choir do sin a bhith den fheadhainn àbhaisteach fo amharas ?

Re: Madainn Chofaidh Inbhir Nis 8/10/11

Posted: Tue Oct 11, 2011 9:37 am
by GunChleoc
Dè mu dheidhinn na h-amharasaichean?

Re: Madainn Chofaidh Inbhir Nis 8/10/11

Posted: Wed Feb 08, 2012 5:44 pm
by GunChleoc
Bidh madainn chofaidh eile ann

11mh an Gearran, 10m - meadhan-latha

Ionad Spectrum, Sràid Mairead, Inbhir Nis.

Madainn chofaidh ann an Inbhir Nis

Posted: Fri Aug 30, 2013 5:28 pm
by GunChleoc
Bidh madainn chofaidh ann an Inbhir Nis (Ionad Spectrum) Disathairne 31mh An Lùnastal eadar 10m ‘s 12 meadhan latha. ‘S e cothrom còmhraidh neo-fhoirmeil a bhios ann agus tha fàilte mhòr ron a h-uile duine tighinn ann (an dà chuid fileantaich agus daoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig!) Bidh sinn a’ cumail mhadainnean cofaidh mar seo air an Disathairne mu dheireadh den a h-uile mìos eadar seo ‘s an t-Samhain. Barrachd fios: http://www.cli.org.uk/gaelic/madainnean-inbhir-nis/. ‘N dòchas gum faic sinn ann sibh!


There will be a coffee morning in Inverness (Spectrum Centre) on Saturday 31st August between 10am and 12 noon. It’s an informal conversation opportunity and everybody is warmly welcome to attend (both fluent speakers and those learning Gaelic!). We will be holding coffee mornings like this on the last Saturday of every month between now and November. More info: http://www.cli.org.uk/mornings-inverness/ Hope to see you there!

Re: Madainn chofaidh ann an Inbhir Nis

Posted: Thu Nov 28, 2013 12:34 pm
by GunChleoc
Bidh madainn chofaidh ann an Inbhir Nis (Ionad Spectrum) Disathairne 30mh An t-Samhain eadar 10m ‘s 12 meadhan latha. ‘S e cothrom còmhraidh neo-fhoirmeil a bhios ann agus tha fàilte mhòr ron a h-uile duine tighinn ann (an dà chuid fileantaich agus daoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig!) Às dèidh seo, ‘s ann anns an Fhaoilleach 2014 a thòisicheas na madainnean cofaidh againn a-rithist. Barrachd fios: http://www.cli.org.uk/gaelic/madainnean-inbhir-nis/.

There will be a coffee morning in Inverness (Spectrum Centre) on Saturday 30th November between 10am and 12 noon. It’s an informal conversation opportunity and everybody is warmly welcome to attend (both fluent speakers and those learning Gaelic!). Following this, our coffee mornings will resume in January 2014. More info: http://www.cli.org.uk/mornings-inverness/