Page 1 of 1

LibreOffice

Posted: Wed Nov 09, 2011 1:16 pm
by akerbeltz
Madainn ùr (an-dà, madainn a th' ann 's mise dìreach air èirigh, coma leibh gu bheil an t-uaireadair ag ràdh 1f) - agus tha mi toilichte goireas ùr a chur ri ur làmhan: LibreOffice 3.4.4 sa Ghàidhlig.

Image

'S mathaid nach bi cus dhibh eòlach air LibreOffice e fhèin ach bidh sibh eòlach air OpenOffice. 'S e an dearbh-rud a th' anns an dà phrògram ach fo dhà ainm eadar-dhealaichte. Poileataigeachd eadar an saoghal OpenSource agus Oracle. Cha chan mi an corr. Co-dhiù, mur eil sibh eòlach air, 's e sreath phrògraman oifis a th' ann, gu math coltach ri Microsoft Office ach tha am fear seo gu tur saor an-asgaidh. Ach chan eil sin ri ràdh gu bheil e dona, chan eil idir. Mur eil sibh eòlach air, 's fhiach fheuchainn, air m' fhacal.

Nise, gheibh sibh an ceangal sa bhad an triob seo ged a tha treòir bheag gu h-ìosal.

Carson treòir a-rithist? An-dà, tha aon rud ann san stàladh a tha beagan gòrach. Chan eil ann ach an aon fhaidhle stàladh airson a h-uile cànan (... prògramairean... ann an saoghal eile), sin an install_multi:
Image

Tha gach rud soilleir gu leòr gus an ruig sibh an sgrìn seo:
Image

Feumaidh sibh Custom a thaghadh, air neo bidh gach rud sa Bheurla a-mhàin. Chì sibh Additional language packs aig bun an ath-sgrìn, dèanaibh briogadh air:
Image

Agus innsibh dhan phrògram gu bheil sibh ag iarraidh Gàidhlig. 'S urrainn dhuibh am prògram a stàladh ann an iomadh cànan, mar eisimpleir, Gàidhlig is Beurla agus ma nì sibh sin, bidh cothrom agaibh leumadh eadar an dà chànan slighe Tools > Options > Language Settings > Languages. Mur eil Gàidhlig a' nochdadh sa bhad, rachaibh ann agus taghaibh Gàidhlig airson User Interface, Locale Settings agus Default Language. Mar seo:
Image

Tha dearbhair-litreachaidh ann ach dhìochuimhnich iad fhilleadh a-steach sa phrògram fhèin, cuiridh sinn ceart seo cho luath 's a ghabhas. Gheibh sibh dearbhair an-seo san eadar-àm.

An dòchas gun còrd e ribh!

Re: LibreOffice

Posted: Wed Nov 09, 2011 11:08 pm
by faoileag
Tha e agam a-nis! Glè mhath! :D :D :D


Agus :moladh: dhut, mar as àbhaist! :flur:

Re: LibreOffice

Posted: Thu Nov 10, 2011 9:57 am
by GunChleoc
Chuir mi air a' phrìomh dhuilleag e is rinn mi an roinn bathar-buig nas nochdte.

Re: LibreOffice

Posted: Wed Feb 15, 2012 1:32 pm
by akerbeltz
Ràinig LibreOffice 3.5! Feumaidh sibh an rud gu lèir a stàladh a-rithist ach gu fortanach, tha gleus am broinn 3.5 airson ùrachaidhean is àrdachaidhean a dhèanamh 's cha bhi feum air a' phacaid mhòr thomadach a-rithist a-mach o seo :)