Page 1 of 1

WordPress.org

Posted: Tue Dec 13, 2011 2:32 am
by akerbeltz
Nollaig chridheil a chàirdean, tha 2011 a' tighinn gu crìoch le goireas beag ùr eile - bathar-bog blogaireachd and triop seo, WordPress.org 3.3

Thoiribh an aire gur e seo .org, 's e sin an tionndadh a stàlaicheas tu air frithealaiche agad fhèin. Tha sin beagan nas lugha na .com (an tionndadh a chleachdas tu mur eil thu airson dad sam bith a stàladh ach dìreach bloga air WordPress) agus rinn sinn am fear seo an toiseach. Thig WordPress.com beagan 'na dhèidh, uaireigin aig toiseach 2012 chanainn.

Tha mi an dòchas gun còrd e ribh!

Re: WordPress.org

Posted: Tue Dec 13, 2011 11:58 am
by GunChleoc
Sgoinneil! :D

Re: WordPress.org

Posted: Tue Dec 13, 2011 10:19 pm
by faoileag
Tha thu - mar as àbhaist - robh choibhneil do shaoghal mì-thaingeil! :spors:

Ach tha sinne taingeil gu leòr! :moladh: :D

Re: WordPress.org

Posted: Mon Dec 19, 2011 10:55 am
by akerbeltz
LOL chan eil e buileach cho mì-thaingeil ach 's e 'r beatha :)