Fèis Rois nan Oileanach Gàidhlig Gearran 2012

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Fèis Rois nan Oileanach Gàidhlig Gearran 2012

Unread post by GunChleoc »

Fhuair mi seo air post-d:
Mar an-uiridh, thèid tachartas sònraichte a chumail do dh’oileanaich bho air feadh Alba aig a bheil Gàidhlig fhileanta:
Fèis Rois nan Oileanach Gàidhlig 2012

’S e cothrom air leth a tha seo, deireadh-sheachdain a chur seachad le sàr luchd‐ciùil is luchd-ealain ag ionnsachadh mu dhannsa‐ceum, dràma, òrain Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta tro mheadhan na Gàidhlig anns a’ bhaile bheag bhòidheach ‐ Ulapul.

Thèid Fèis Rois nan Oileanach a chumail eadar - Dihaoine 24mh - Didòmhnaich 26mh Gearran 2012.

Gu ruige seo, tha fhios againn gum bi Mairead Stiùbhart a’ teagasg òrain Ghàidhlig agus Artair Donald a’ teagasg dràma. Thèid luchd-teagasg airson obair chòmhlain is dànnsa-ceum a dhearbhadh sa bhliadhna ùr.

Thèid an Fhèis seo a chumail tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin mar sin, feumaidh comas labhairt aig ìre gu math àrd a bhith aig oileanaich is iad comasach air deireadh-sheachdain a chur seachad às aonais Beurla.

Cosgais
Cosgaidh an deireadh-sheachdain seo £50 an urra. Tha seo a’ toirt a-steach; teagasg agus roghainn de chlasaichean cultarail, àite-fuirich air Dihaoine agus Disathairne (le bracaist), dìnneir agus cèilidh air oidhche Shathairne agus lòn air Disathairne agus Didòmhnaich – Abair bargan!

Clàr-ama:
• Oidhche Haoine – Sèisean is deochan anns a’ Cheilidh-Place
• Disathairne – Roghainn de chlasaichean ciùil, dràma agus dannsadh
• Oidhche Shathairne – Ceilidh ann an Talla a’ Bhaile
• Didòmhnaidh - Roghainn de chlasaichean ciùil, dràma agus dannsadh

Cuimhnichibh, gun e tachartas nàiseanta a tha seo agus bhiodh e air leth math buidheann de dh’oileanaich bho gach oilthigh fhaicinn! ’S e cothrom a tha seo saoghal nan oileanach Gàidhlig a neartachadh leis an toirt còmhla ann an àrainneachd neo-eisimleach agus neo-fhoirmeil.
Bidh mini-bus a’ dol suas bho Oilthigh Ghlaschu le oileanaich à Glaschu agus Dùn Eideann. Ma dh’fhaodte gum biodh cudeigin aig SMO deònach a’ mhini-bus agaibh fhèin a thoirt ann?
Thig barrachd fiosrachaidh thugaibh mu dheidhinn seo tràth sa bhliadhna ùr nuair bhios cothrom ann àite a bhucadh tron làrach-lìn Fèis Rois ach san eadar-ama, ma bhios ceistean sam bith agaibh, bhiodh fàilte oirbh sgrìobhadh gu Fiona Dunn aig Oilthigh Ghlaschu: Fiona.Dunn@glasgow.ac.uk

Teisteanas bho an-uiridh le Linda NicLeòid, Oilthigh Ghlaschu
Chòrd Fèis Rois nan Oileanach Gàidhlig rium gu mòr! Bha luchd-teagaisg air leth ann agus leis gun e deireadh-sheachdain neo-fhoirmeil a bh’ ann, bha a h-uile duine aig fois agus thug seo cothrom dhuinn eòlas a chur air a chèile is abair gun robh spòrs againn! Bha e math coinneachadh ri oileanaich bho oilthighean eile agus mholainn e do dhuine sam bith a bha beachdachadh air a dhol ann.


Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply