Page 1 of 1

Làrach ùr

Posted: Thu Feb 09, 2012 4:06 pm
by akerbeltz
Tha làrach ùr aig BnaG Fiosrachadh do phàrantan ach chan eil mi buileach cinnteach nach bu chòir dha bhith san t-sreath "Sùil air a' mhearachd"... tha "làrach" boireann agus 's e "làraichean" an t-iolra. Agus abair measgachadh neònach de cheanglaichean. Omniglot??? Comhairle nan Leabhraichean dà thuras?

Tha e math gu bheilear a' sgaoileadh barrachd fiosrachadh mu dheidhinn dà-chànanachais ach saoil an robh feum againn air làrach eile ann? Chan eil fhios a'm. :-s

Mus fàg duine sam orm gu bheil mi fàs car searbh... àidh, tha, beagan. Tha buidhnean eile a' cur seachad uiread a thìde (saor-thoileach gu tric) ach chan fhaicear ceanglaichean ro thric o na làraichean mòra. Cà bheil an ceangal gu Wordlink no na brabhsairean-lìn? Dè tha dèanamh an Seotal nas cudromaiche na am Faclair Beag no an Stòr-dàta?

Re: Làrach ùr

Posted: Thu Feb 09, 2012 6:03 pm
by GunChleoc
'S e an diofar gur e buidhnean oifigeil a th' annta.

Bu chòir do na faclairean a bhith am measg nan ceanglaichean feumail co-dhiù.

Tha e a' cur iongnadh orm dè an uiread de dhaoine nach eil eòlach air an Fhaclair Bheag fhathast.

Re: Làrach ùr

Posted: Thu Feb 09, 2012 6:20 pm
by Gràisg
Seadh, bu chòir don Fhaclair a bhith sa Phremiership :)

Re: Làrach ùr

Posted: Thu Feb 09, 2012 7:41 pm
by Thrissel
Tha ceangal gu TWF Cymru ach chan eil fear gu BBC Alba ann – agus nuair a bhriog mi air a' cheangal http://www.acair.co.uk, oir cha chuala mi riamh mu dheidhinn, leugh mi: "Welcome to Air Care Coventry. Air Conditioning & Electrical Specialists. Aircare Coventry Ltd are a well established company offering all aspects of domestic, commercial and industrial air conditioning and electrical services both regionally and nationally. We specialise in offering you the right solution for the right price" amsaa. Cò aig a tha fios cò a chruthaich na duilleagan sin agus dè an t-adhbhar aca...

Re: Làrach ùr

Posted: Thu Feb 09, 2012 8:10 pm
by GunChleoc
'S e http://www.acairbooks.com/ a bha fainear dhaibh gun teagamh :)

Re: Làrach ùr

Posted: Fri Feb 10, 2012 2:56 pm
by akerbeltz
Sgrìobh mi gu Art chòir agus a-rèir coltais, chan ann a dh'aona-ghnothach a chaidh càch a leigeil air dìochuimhn ach dìreach dearmad agus nì iad oidhirp seo a chur ceart. :D

Re: Làrach ùr

Posted: Fri Feb 10, 2012 3:38 pm
by GunChleoc
Sgoinneil, tapadh leat airson faighneachd!