“Chan i Ghàidhlig cànan na dachaigh tuilleadh”

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

“Chan i Ghàidhlig cànan na dachaigh tuilleadh”

Unread post by Gràisg »

Dhomhsa ‘s e naidheachd gu math eu-dochasach a tha ann an seo:

“Tha e “glè shoilleir bhon aithisg seo gu bheil gluasad cànain a’ tachairt ann an Siabost, bho fhileantachd sa Ghàidhlig agus sa Bheurla – dà-chànanas – gu fileantachd sa Bheurla a-mhàin am measg mòran dhen òigridh …Chan eil na pàtranan fileantachd agus cleachdaidh airson inbhich cho eu-coltach ris an fheadhainn airson cloinne, agus tha an luchd-rannsachaidh dhen bheachd, ged a tha mòran (gu seachd àraid inbhich) fileanta sa Ghàidhlig gu bheil gluasad cànain mòr a’ gabhail àite.”

Gheibhear tuilledh air làrach an Albannaich “Chan i Ghàidhlig cànan na dachaigh tuilleadh.” ‘S e sin fianais eile gu bheil Gàidhlig a’ dol as an rathad sna coimhearsnachdan tradiseanta. Tha taobh eile don ghnothach a tha suideachadh na Gàidhlig ge-tà. An uair sin leughar a leithid seo:

“An ceann sia mìosan, bidh 1% de chloinn sgoile Ghlaschu air fad ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.”: Tuilleadh an seo

Agus an uair teachdaireachd air Facebook a chunnaic mi:

“Halo, Se Astrailianach a th'annam leis a' Gaidhlig. Tha mi a'fuireach ann an Rosebud, Victoria, Australia. Tha ar Gaidhealtachd bheag fhin againn ann a seo, 's a'chanain aig mo bhean, mo nighean, mo mhathair agud mac bhrathar na laitheans' (agus mo mhac beag fhin a tha 4 miosan ah'aois a a bhios lan de Ghaidhlig aon la cuideachd). Sin uile agus cha robh duine againn riamh ann an Alba!”

Chan urrainn dhut ga sheachnadh, tha gluasad cànain a’ tachairt ann an Siabost agus aiteachean eile far a bheil Gàidhlig fhathast “laidir” a-reir na statistigs. “Dè ghabhas dèanamh?” tha iad a’ faighneachd air larach an Albannach agus Bord na Gaidhlig bruidhinn mu dheidhinn plana steidhichte sa choimhearsnachd. Tha amharas agam nach bi e furasta stad a chur air gluasad cànain san aite ud. An deach stad a chur air gluasad cànain bho Gàidhlig gu Beurla ann an aite sam bith eile ann an Alba gu ruige seo?

An e fada air falbh nuair a bhios na Gaidhealtachdan ùra sna bailtean mora agus na criomagan Gàidhlig fada ‘s farsaing mar a leithid den teaglach ud ann an Astrailia (ceangailte air loidhne le criomagan eile) nas laidire na coimhearsnachdan a leithid Siabost?


GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: “Chan i Ghàidhlig cànan na dachaigh tuilleadh”

Unread post by GunChleoc »

Bha mi aig òraid Gillian an uiridh far an do bhruidhinn i mun pròiseact rannsachaidh seo. Aon de na rudan a chluinneadh iad cuideachd, 's e gun robh daoine den bheachd gum biodh e nas fheàrr san ath-bhaile. Cha bhiodh. Ma bhios tu a' feitheamh ach an sàbhail duine eile an cànan agad, bi e marbh.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply